Harris Heritage Fishing Project 2007

 

Interview with Alasdair MacLeod (AML), Taigh a Chnuic, Scalpay

 

(Original Transcript)

 

NB:

... denotes pauses in speech

[...] denotes text which has been edited out

 

 

JMD: Seo Jo NicDhmhnaill ann an taigh Alasdair Choinnich ann an Scalpaigh air an t-seachdamh latha dhan Lnastal 2007. Tha sinn gu bhith a bruidhinn mun iasgach. Tha elas agaibh fhin air an iasgach ann an Sgalpaigh Alasdair?

 

AML: Uill bha mi ris deich bliadhna fichead.

 

An robh gu dearbh?

 

Bha.

 

Cuin a thisich sibh matha air an iasgach?

 

1961 a chaidh mise a-mach an toiseach.

 

D am bta air an robh sibh?

 

S e bta air an robh a Venture a bh aig mo bhrthair an uair ud. Nuair a bha mise air falbh aig toiseach mo bheatha uill an didh dhomh an sgoil fhgail...bha mi ann an Dn ideann agus thug mi a-mach ciird ann agus bha mi sia bliadhna...suas ri sia bliadhna ann an Dn ideann.

 

S d an obair a bh agaibh?

 

Bha... electrical engineering a thug mi a-mach. Thug mi a-mach ciird ann. Agus an uair sin gu m-fhortanach s dcha...fortanach ann an digh nuair a sheallas mi air ais...chaidh mo ghairm airson National Service mara chanadh iad s bha mi d bliadhna ann am Feachd an Adhair. [...] Shin agad e. Agus thinig mi dhachaigh an uair sin agus ln dhil am a dhol air ais chun a chiird agus air ais gu tr mr s bha mi air falbh aig agallamh no dh s ach, chan aithne dhomh, bha mo chridhe ann a sheo. Bha riamh mo chridhe ann a sheo. Eadhon fhads a bha mi air falbh...na bliadhnaichean a bha mi air falbh...bha mo chridhe ann an Scalpaigh agus ann an digh bha mo chridhe aig an iasgach. Dreach aig an m...siud an t-m aig an do thisich daoine a faighinn airgead bho Bhrd Leasachaidh na Gidhealtachd agus thinig an Remembrance tha mi smaoineachadh gur i a chiad t t air an robh an Remembrance agus bha am fear a fhuair an Remembrance bha e na fhear-criutha air a bhta aig mo bhrthair Iain. Agus an didh sin an uair sin thinig t air an robh an Estralita. An Estralita a bh aig Murachadh...bha thu a bruidhinn ri Murchadh bho chionn ghoirid. Uill, fhuair esan an Estralita agus bha esan e fhin na fhear-criutha sa bhta aig Iain s nuair a dhfhalbh Murchadh s nuair a cheannaich e an Estralita agus a dhealaich e ri Iain chaidh mise na ite dhan a Venture...ann an 1961 s bha mi ann gun do leig sinn seachad e.

 

D an sersa eathar a bh anns a Venture?

 

Uill, s e sersa ris an canadh iad Ringer. Sin obair a bh againne rud ris an canadh iad an Ringnet.

 

Ciamar a bha an Ringnet ag obair?

 

Bha an Ringnet...bha d eathar ag obair cmhla ri chile aig an Ringnet...mar a chanadh iad ann am paidhirichean.

 

Cha danadh sibh cil leibh fhin?

 

Cha danadh tu cil nad nrachd. Cha danadh. Bha an lon ga chur...can gun robh sinne dol a chur an ln...bha an lon ga chur...bha an companach againn a togail a chinn aige s bha an d bhta an uairsin s dcha a tbhadh dreiseag bheag s a tighinn gu chile s a toirt a chinn sin air ais thugainn. Sin a dhfhg Ringnet air...bha e na chearcall cruinn. Bha thu an uair sin ga tharraing mar sin...a toirt an ird a bhuinn aige s bha an sgadan a fuireach ann.

 

S an e an sgadan a-mhin a bha sibh ag iasgach?

 

S e an uair ud; dreach sgadan anns an latha ud.

 

Cha robh sibh a bodraigeadh ri giomaich no cil dhan t-sersa sin?

 

Cha robh, cha robh. Bha sinn a danamh ar beshlaint air an sgadan. Ach s iomadh uair a bha mi ag innse seo. A bhliadhna ud a chaidh mise a-mach...dreach mun m seo...deireadh an Lnastail...s dcha no mun m sin. Bha an cleachdadh aca s ann tr uairean sa bhliadhna a bha iad a roinn an airgid. Cha robh iad ga roinn a h-uile seachdain no h-uile cola-deug idir. Bha iad a roinn an airgid aig a bhliadhn ir s aig m rdaighean an earraich agus aig m rdaighean an fhoghair. Agus chaidh mise a-mach agus bha rdaighean an fhoghair air a dhol seachad agus nuair a chaidh an t-airgead a roinn aig a bhliadhn ir, s e tr notaichean deug a bh agam agus tr pocannan buntta.

 

D bhliadhna a bha sin ann?

 

Bha sin aig deireadh tr fichead is aonan (1961). Tr notaichean deug ann an tr mosan s bhiodh am buntta...bhiodh iad a ceannach buntta ann an Gerrloch a bhiodh a tighinn s an Eilean Dubh agus bhiodh na h-eathraichean, can aig deireadh na seachdain bhiodh iad ag rdanachadh buntta s dha thoirt dhachaigh Gerrloch s ga roinn air a chriutha. S bha an t-airgead a tighinn s airgead a chriutha, fhios agad.

 

Agus an robh sin math aig an m?

 

O cha robh, cha robh. Bha siud truagh, truagh. Bheireadh siud ort...cha mhr nach toireadh e ort sgur. Och, ach mar a thachair as didh na bliadhn ire a-rithist thisich iasgach thall air an tr-mhr air tr mr Alba ma-tha. Agus chaidh sinn tarsainn ann a shin agus rinn sinn iasgach math an uair sin thall air an taobh sin. Cha robh cil ri fhaighinn ris a chladach-sa idir airson dh no thr bhliadhnaichean an uair sin.

 

Nach robh gu dearbha? Saoil de dhadhbhraich sin?

 

Uill chan eil fhios am. Cearcall air choireigin a bh ann...mar gun deach an sgadan chun an taobh ud. Ach rinn sinn iasgach math thall eadar an Str agus Loch an Inbhir agus a-nuas gu Loch Ibh s timcheall air na h-iteachan sin.

 

D cho fada s a chaidh sibh?

 

Uill aig an sgadan siud e ...ach bha sinn ag obair sos gu Ceann Bharraigh cuideachd air an sgadan cuideachd. ite ris an canadh iad an Currachan tha sgeir bheag a-mach far a chladaich a-mach beul a Bhagh a Tuath ris an canadh iad an Currachan. Bha e math airson sgadan. Bhiomaid a dol ann a shin agus bhiomaid a dol gu cladach an Eilein Sgtheanaich agus bhiodh sos uaireannan gu Colla. Bhiomaid a dol gu Banca Cholla. Bhiomaid a dol cho fada sin uaireannan, bhiodh. Ach an uairsin, bha thu a falbh Diluain s bha thu a-muigh gu Disathairne fhios agad?

 

Air falbh fad na seachdain?

 

Bha sinn air falbh fad na seachdain.

 

Agus am biodh sibh a dol a-mach cho fada ri Hiort?

 

O cha robh. Cha robh sinn air an taobh sin, ach uaireannan thug sinn iasgach a-mach taobh siar Na Hearadh. A-mach Loch an taobh Siar eadar Tarasaigh agus Sodhaigh agus a-steach gu Bun Abhainn Eadarra ...fhios agad ....timcheall ann a shin. Bha sinn ag iasgach a-mach gu Loch Rasoirt agus Loch Thamanabhaigh ...bhiomaid a dol dha na h-iteachan sin cuideachd.

 

D an ine a bha sibh air a Venture?

 

Dhfhalbh a Venture...thog sinn a chiad Rbhinn Donn ann an tr fichead s a sia.

 

An ann dhuibh fhin a chaidh i sin a thogail?

 

Dhuinn fhin, aidh. Chaidh a togail r dhuinn fhin. Cha robh pirt agamsa dhan a Venture idir. Bha Iain air a Venture fhaighinn tr bliadhna mun deacha mise cmhla ris ach nuair a chaidh e airson na h-ath t ghabh mise com-pirt innte sin. Bha sin ann an tr fichead s a sia.

 

Eadar an dithis agaibh?

 

Eadar an dithis againn, aidh.

 

C deach a togail?

 

Ann an Giorbhan. S ann ann a chaidh an t a bh aig Coinneach a thogail cuideachd agus an ath t a bh againn siud an dealbh aice ann a shiud. Bha a chiad Rbhinn Donn againn gu tr fichead s a tr deug. Chaidh sinn airson t na bu mhotha an uair sin.

 

D a mheudachd a bha sa Chiad Rbhinn Donn?

 

A chiad Rbhinn Donn bha i d fhichead troigh s a sia deug (56 ft). S an ath t bha i tr fichead s a tr (63 ft). Bha i trr na bu mhotha. Bha i trr na bu mhotha.

 

Agus bhiodh einnseanan annta co-dhi?

 

O bha, bha. Ach an Drna Rbhinn Donn an t mu dheireadh a bh againn, s ann na toiseach a bha an t-einnsean. Sa bhitheantas s ann an deireadh an eathair a tha an t-einnsean. Dh iarr sinne an t-einnsean a bhith na toiseach.

 

Carson a bha sibh ag iarraidh sin?

 

Uill, bha comhfhurtachd againn. Bha na cibein mar a chanas sinne na deireadh s bha an t-einnsean pos bhuaidhe s cha robh fuaim ann fhios agad?

 

Seadh, s cha robh e a danamh eadar-dhealachadh sam bith car an eathair?

 

Cha robh. cha robh. Dhobraich e math dhuinn. S ann a bha an fheadhainn a thog i ann an Giorbhan...bha iad ag rdh gun robh aithreachas orra nach do rinn iad rona siud e.

 

Bha sin math, gun do smaoinich sibh air.

 

Bha. Smaoinich sinn air a siud.

 

Sin an drna t?

 

Sin agad an drna t an t mu dheireadh.

 

Co mheud agaibh a bha ag obair oirre?

 

Nuair a bha sinn aig an sgadan bha sianar. Bha sianar air gach bta. Agus nuair a bha thu...nuair a bha an lon ga chur agus am bta eile a tighinn thugad le ceann an ln, bha ceathrar dhan a bhta sin a tighinn air brd thugainne. Bha dithis a fuireach innte agus ceathrar a tighinn air brd thugainne...dhan eathar a chuir an lon. Bha deichnear agad mar sin a tarraing an ln.

 

Seadh. Agus bha agaibh ri sin a dhanamh le limh?

 

Bha, bha. Uill, bha bonn an ln ga thoirt a-staigh air winch agus bha an crr. Bha cignear agad ann an deireadh a bhta agus bha cignear agad ann an toiseach a bhta.

 

Bha sin gu math trom.

 

Bha winch agad anns a mheadhan a tarraing an iochdair aige...sin agad mar a bha e.

 

Agus d am bt eile a bha ag obair cmhla ribh?

 

Ach uill, bha dh no thr dhiubh ann.

 

Cha robh sibh an cmhnaidh ag obair leis an aon bhta?

 

Uill, cha robh. Nuair a thisich mise an toiseach s e a Harmony Plocropol a bha cmhla rinn. Sin a chiad t a bha cmhla rinn. Agus an uair sin thinig eathar nuair a fhuair Murchadh...uill nuair a thisich Murchadh...nuair a fhuair Murchadh an Estralita. Bha tr againn ag obair cmhla ri chile.

 

S bha sin ag obrachadh cuideachd?

 

O bha, bha. Nuair a bha tr ag obair cmhla ri chile, cha robh an drna t ach na laighe gus am biodh tu deiseil airson tiseachadh air ais.

 

Ach cha bhiodh ach d eathar ag obair aig an aon m?

 

S e d eathar a bhiodh ag obair. Ach tha mi creidsinn an fheadhainn a bu mhotha a chur sinn seachad a thde cmhla riutha s e am Majestic aig Dbhaidh. Bha sinn ...Thisich sinn an uair sin sna dh no thr bhliadhnaichean mu dheireadh as didh dhuinn an Rbhinn Donn ud fhaighinn thisich sinn air digh eile air iasgach sgadain...thisich sinn air an trawl... Mid-water trawl a chanadh iad ris.

 

D an t-eadar-dhealachadh a bha ann a shin matha?

 

Uill, bha an d eathar ann a shin...s ann a tbhadh an ln as do dhidh a bha thu. Bha thu ga thobhadh dreis. Nuair a bha thu ga thobhadh dreis...

 

S an robh e a dol na bu dhoimhne no d?

 

Chan eil mi rdh gun robh e dol cil na bu dhoimhne ach bha sinn a smaoineachadh gun robh e na bfherr. Bha e na bu chumhachdaiche. Sin an obair a bh againn mu dheireadh.

 

Bha Drioftairean ann cuideachd nach robh?

 

Bha, bha.

 

An robh iad sin ann mus robh na Ringnets ann?

 

O s ann aig an Drift a bha iad mun tinig an Ringnet.

 

Ciamar a bha sin a obair?

 

Cha robh sinn ach a cur nan lon. Anns a gheamhradh bhiodh iad a cur nan lon air acraichean a-staigh anns na lochan. Mar bu trice tha mi smaoineachadh gur e deich ln a bhiodh aca gan cur agus acaire aig gach ceann gan cumail. Bhiodh iad a dol a-mach am beul na h-oidhche gan cur agus gan cur a-mach am beul an latha gan tarraing. Sin mar a bha iad as a geamhradh ach as t-samhradh a-nis nuair a bha an sgadan a-muigh aig doimhne s ann a cur nan lon as a didh a bhiodh iad. S dcha d fhichead lon...cha robh iad ach a stretcheadh as didh an eathair agus bha iad crochte ris an eathar fad na h-oidhche s bhiodh iad an uair sin gan tarraing. Cha robh an oidhche cho fada. Bhiodh iad a-muigh fad na h-oidhche, croichte, na ln, as t-samhradh. Cha robh mise riamh a-nis aig an obair sin, co-dhi bha mi muigh ann an eathar beag a cur a dh no tr ln ach cha robh mi riamh ri iasgach... ach bha Iain mo bhrthair mun dfhuair e am bta aige fhin bha e dreiseag aig na driofts mar a chanadh iad.

 

Cuin matha a thisich an Ringnet aig daoine ann a sheo?

 

Thisich an Ringnet...thinig a chiad bhta r dhachaigh ann a sheo ann an d fhichead s a h-ochd (48). A Mhaighdeann Hearach a bh aig na Coineaganaich. Sin a chiad eathar a chaidh a thogail r a thinig a Scalpaigh.

 

C deach a togail? Bheil fhios agaibh?

 

Chaidh ann am Banbh. Ann am Banbh. S i a chiad bht r a thinig a Sgalpaigh agus s ann an uairsin faodaidh mi rdh a thisich iad air an Ringnet agus bha Iain mo bhrthair na fhear-criutha air a Mhaighdeann Hearach agus bha iad shos...saoilidh mi gun robh iad sia seachdainean shos air a Chluaidh...shos air Cluaidh...ann an irdriseig agus Tairbeart Loch Fne s na h-iteachan sin cmhla ri bta a bhuineadh dhan a sin shos airson gum faigheadh iad beagan ionnsachadh mun digh iasgaich a bha seo oir bh e r dhuinne an uair sin. Agus sin agad mar gum biodh nuair a thisich e.

 

Agus an uair sin bha feadhainn eile a faicinn mar a bha seo ag obair agus bha iad fhin ga dhanamh?

 

Sin agad e, tha mi a smaoineachadh. Bha an Scalpay Isle agus a Mhaighdeann Hearach sin na dh a bh ann an toiseach, nuair a thisich iad an toiseach air. Dhfheuch iad air le t no dh dha na seann eathraichean gun teagamh ach cha robh na h-eathraichean freagarrach air a shon. Agus s e an uair sin, nuair a cheannaich Iain a Venture ann an dursta bhann d fhichead s a h-ochd deug (58), sin an ath t a thinig dha na Ringers.

 

Agus am faigheadh sibh fada a bharrachd isg anns an Ringnet?

 

Na gheibheadh tu ann an Drifts? O Thia gheibheadh, gheibheadh, gheibheadh.

 

Mar sin bha barrachd prothaid ann?

 

O bha, bha. S cha robh an obair ann. Cha robh e cho cruaidh. Cha robh e cho cruaidh ris na ln, ris na Drifts. Bha trr obair anns na Drifts gan tarraing fhios agad.

 

An robh an t-iasgach anns an teaghlach agaibh riamh?

 

O bha m athair ag iasgach riamh. Cheannaich m athair a chuid co-dhi de dheathar far an taobh Sear ann an 1921. Cheannaich e fhin...s e am Britannia a bh oirre. Agus bha m athair riamh ris an iasgach...uill thug mathair thairis ann an d fhichead s a cig s thinig air sgur le dth na slinte agus dhfhalbh an t-eathar a bh aige an uair sin.

 

Cha robh sibhse oirre sin ann bha sibh ro g?

 

Bha mi ro g. Bha mi a-muigh innte na mo bhalach sgoile. Tha cuimhn am nuair a bha mi na mo bhalach sgoile a bhith a dol a-mach innte s dcha madainn Disathairne cmhla riutha fhios agad.

 

C biodh sibh a dol oirre?

 

Ach, cha robh sin ach dreach mu na lochan ann a sheo fhin s lochan nam Bgh suas eadar seo agus Caol Na Hearadh agus lochan Ledhais. Bhiodh iad as t-samhradh, nuair a bhiodh m athair ris, bhiodh iad sin a falbh uaireannan Diluain cuideachd s ag obair a-mach Sternabhagh fad na seachdain. Ag obair a-mach far an Tiompain agus a-mach Tolastadh agus na h-iteachan sin.

 

An e sgadan a bh ann?

 

Sgadan, s e. Tha cuimhn agamsa nuair a bha mi na mo bhalach san sgoil s bhiomaid a dol suas chun a chnoc ann a sheo os cionn an taighe agus chitheadh tu a-mach ann a sheo an uair sin gu Risinnis a-sin agus a-mach gu na h-eileanan agus bhiomaid a coimhead airson nan eathraichean a tighinn dhachaigh feasgar Disathairne. A dhfhaicinn c an t a bhiodh a tighinn an toiseach. Bhiomaid ann a shin gam faicinn agus a feitheamh gus an tigeadh iad a-staigh an Caol.

 

D an aois a bha sibh matha nuair a thisich sibh ceart air an iasgach?

 

Nuair a chaidh mi cmhla ri Iain? Bha mi seachd bliadhna fichead.

 

Matha, tha elas agaibh air a h-uile cil a bhuineas dhan iasgach?

 

O uill, an sersa iasgach ud, tha.

 

An robh an t-iasgach ann an Sgalpaigh eadar-dhealaichte ris an iasgach can air tr mr Na Hearadh?

 

Bha aon uair s gun do thisich an digh ud. Cha robh an crr ris an obair ud eadar seo agus irisgeidh.

 

Nach robh?

 

Cha robh. Cha robh duine air tr mr Na Hearadh ris an obair ud agus cha robh duine ann an Ledhas ris an obair ud. Bha aonan dreiseag ann an Leamrabhagh agus bh i na companach againn dreiseag t air an robh an Isabella. Sin an aon t Ledhasach a rinn riamh cil dhan an sersa iasgaich ud...s ann ris an drioft a bha na Ledhasaich riamh. S cha robh duine eadar seo agus irisgeidh ag obair air an Ringnet. Bha feadhainn ann an Caol cainn agus sa Chaol timcheall ann a shin...agus an uairsin bha feadhainn Malaig. Bha sinne na belaiche air daoine Amhach na bha sinn air gu ler a dhaoine timcheall ann a sheo.

 

Tha mi cinnteach.

 

Na h-Abhaich mar a chanamaid riutha bhiodh iad sin ag obair cmhla rinn...bhiodh iad uaireannan ann an com-pirt rinn nam biodh, nan tachradh an-drsta, can gun robh eathar Abhach air lon a chur agus gun robh barrachd sgadain san lon na bheireadh iad leotha, d lion, s dcha gun igheadh iad ris an t againne airson na bha aca air fhgail a thoirt leinn. S bhiodh an uair sin t acasan agus t againne a dol gu margaid agus bhiodh an uair sin an t acasan agus t againne a laighe air acarsaid s dheidheadh iad sin an uair sin a-mach cmhla ri chile an oidhche sin. S bhiodh t dha na h-eathraichean againne ag iasgach cmhla ri t dha na h-eathraichean Abhach. Bhiodh iad ag obair mar sin cmhla ri chile.

 

Cite am biodh sibh a reic an isg?

 

A mhr-chuid...nuair a thisich sinn an toiseach no nuair a thisich mise an toiseach s e Gerrloch an t-ite bu trice dhan an robh sinn a dol agus uill bhiomaid faisg air limh s dcha no mura biodh margaid mhath ann bhiomaid a dol a Sternabhagh. Bha sinn a dol a Sternabhagh airson mion isg fhios agad. Bhiomaid a dol ann a shin ach s e Ulapul agus Gerrloch agus Malaig na tr puirt a bh ann san latha sin. Nise thisich fear ann an ige an Eilein Sgtheanaich a ceannach an sgadain cuideachd. S bha sinn bliadhna na dha...bhiomaid ga chur air tr ann an ige.

 

D cho tric s a bhiodh sibh a dol ann leis?

 

O dhfheumadh tu falbh a h-uile h-oidhche. Bha an sgadan a dol air tr mar a gheibheadh tu e, fhios agad. Bha thu a falbh sa spot a gheibheadh tu e.

 

Dhfheumadh e a bhith r.

 

O dhfheumadh, dhfheumadh. Bha thu a falbh a h-uile h-oidhche a bha thu a faighinn sgadan.

 

S an robh e dreach a rir d am port a bfhaisge no an robh sibh a coimhead air prsean?

 

O bha. Dhfheumadh tu a bhith a coimhead air a phrs cuideachd.

 

An robh cuid a dhiteachan ann a bha na bfherr?

 

Bha uaireannan. Nam biodh tu a smaoineachadh gum faigheadh tu prs na bfherr ann am Malaig na dheidheadh tu ann an Ulapul no Gerrloch dheidheadh tu a Mhalaig. Chunnaic mise...tha cuimhn am oidhche a falbh agus bha sinn aig an Str, tuath air Loch an Inbhir agus dhfhalbh sinn s a sin a Mhalaig le sgadan. Chaidh sinn seachad air Ulapul agus chaidh sinn seachad air Gerrloch oir bha sinn a smaoineachadh gum faigheamaid prs na bfherr ann am Malaig.

 

Feumaidh gum bfhiach dhuibh matha a dhol an?.

 

O bha sinn dhan a bheachd gum bfhiach. Cha bhiodh tu cinnteach s a sin gus am fruigeadh tu. Uaireannan dhobraicheadh e dhut agus uaireannan chan obraicheadh.

 

Agus ciamar a bha sibh a roinn an airgid.

 

Anns an latha ud, ma s math mo chuimhne s e naoi earrannan a bha iad a danamh dhan airgead. Bha a chosgais a tighinn s an toiseach cosgais na h-ola agus nan rudan sin agus an uair sin..

 

Agus an robh am biadh a tighinn s cuideachd aig toiseach gnothaich?

 

Bha, bha. Agus bha naoi earrannan ga dhanamh dheth an uair sin. Bha earrann an duine aig an t-sianar agus na tr earrannan eile aig an eathar airson an lon agus an t-eathar a chumail suas agus a h-uile cil dhan a sin.

 

Agus d cho tric s a bha sibh ga roinn an uair sin?

 

Siud agad e...tr troipean.

 

Tr troipean sa bhliadhna? Ach an do dhatharraich sin a-rithist?

 

O dhatharraich. Nuair a thisich na h-eathraichean ra a tighinn fhios agad.

 

S e ine mhr a bha sin a bhith a feitheamh ri airgead.

 

S e. S e ine mhr a bh ann.

 

Agus a-nis bidh iad ga roinn ...d cho tric?

 

O a h-uile seachdain, a h-uile seachdain.

 

S tha iad air a bhith ris a sin airson dreis?

 

O tha, bho chionn ine mhr. Nuair a chaidh sin chun a...nuair a thisich sinn air iasgach nam msgain-chaola am prawn thisich sinn an uairsin ga roinn a h-uile seachdain.

 

Cuin a thisich sibh air na muir-sgein chaola?

 

Thisich nuair a fhuair sinn a chiad Rbhinn Donn. Cha bhiodh an sgadan cho pailt as t-samhradh s bhiomaid an uair sin a dol chun a phrawn fad an t-samhraidh agus a dol chun an sgadain fad a gheamhraidh a-rithist. Ach chaidh an uair sin casg a chur air iasgach an sgadain. Chan eil fhios am c a bhliadhna a bha sin a-nis. S ann mu thr fichead s a deich (1970) mun m sin. An uair sin thinig oirnn a dhol chun a phrawn, cha robh an crr ann air ar son. Cha bann air ar digh a bha sinn. Cha robh na daoine againne cha chanainn riamh toilichte ag iasgach a phrawn. Bha an sgadan mar gum biodh anns an fhuil.

 

Bha. D thug orra casg a chur air iasgach an sgadain? An robh iad ga iasgach cus no d bh ann?

 

Sin a bha iad a cumail a-mach. Airson na stocan a ghleidheadh. Chan eil fhios am.

 

Bheil sibh a smaoineachadh gu bheil an t-iasg air fs gann?

 

O tha. Tha an t-iasg air fs gann, cha mhr gu bheil e ri fhaighinn idir.

 

D is coireach saoil?

 

O dreach gun deach a mharbhadh.

 

Chaidh cur s dha le cus iasgaich?

 

O aidh. S e.

 

Agus an e an Ringnet as coireach saoil?

 

Chan e. O chan e. S ann nuair a thisich...tha mise ln chreidsinn nam biodh cisean air leantainn mar a bha iad nuair a bha sinne aig an Ringnet gum biodh sgadan ri fhaighinn fhathast. O thisich btaichean mra a tighinn far an taobh Sear. Thisich an uair sin rud ris an canadh iad am Purse Am Pursenet. Bha am fear sin, s e an aon sersa digh a bh ann ris an Ringnet cha mhr ach bha e na bu mhotha. Bha sin uidhir ri pirc ball-coise.

 

An robh gu dearbh?

 

Bha iad, an uair sin a glacadh ceudan crann dhan an sgadan an uair sin. S e sin a chuir s dhan an sgadan.

 

Tha sin duilich matha.

 

O tha e duilich.

 

Agus san Ringnet, d a ghlacadh sibh can? Co mheud crann ann an latha bhaisteach can?

 

Uill, tha sin dreach a rir s mar a gheibheadh tu. Gheibheadh tu s dcha dh no thr cheudan ann an aona chur mar gum biodh.

 

D bheireadh sibh leibh anns an eathar?

 

Bheireadh an t mu dheireadh a bh againn leatha crr air d cheud crann. A chiad Rbhinn Donn s e timcheall air ceud gu leth crann. Ach an drna t bheireadh i leatha d cheud no suas ri d cheud s d fhichead no mar sin.

 

Matha, cha bann faisg air limh ann an Sgalpaigh a bha sibh ag iasgach mar bu trice idir ach a dol a-mach pos s a fuireach air falbh fad na seachdain.

 

Bha sinn air falbh fad na seachdain. Nuair a bha sinn aig a phrawn mar bu trice bha sinn air falbh fad na seachdain cuideachd.

 

Agus bha sibh a cadal air brd?

 

O bha.

 

Agus a toirt leibh a bhidhe cuideachd?

 

O bha. O cha robh cil a dhth bidhe... bha beartas bidhe againn an cmhnaidh.

 

An robh ccaire agaibh?

 

Uaireannan. Nuair a chaidh mise a-mach an toiseach bha ccaire againn. Uill s e bhiodh a danamh a chcaireachd air fad. Ach mu dheireadh cha robh duine keen air a chcaireachd idir agus bhiomaid a gabhail oidhche mu seach no seachdain mu seach a ccaireachd.

 

Seadh. Matha dhfhs sibh gl mhath air biadh a dhanamh!

 

O Thia bha. Bha na fireannaich an uair ud...dhionnsaich na fireannaich mar siud anns na btaichean. Cha robh duine de dhfhireannach nach danadh biadh.

 

D sersa biadh a bha sibh ag ithe air brd?

 

Ach dreach an aon rud s a bhiodh agad a-staigh.

 

Feil s buntta s iasg?

 

Seadh. Rst is iasg agus rud sam bith a bhiodh agad a-staigh bhiodh e agad ann a shin.

 

Bhiodh sibh ga cheannach a h-uile seachdain?

 

O bhiodh. Bhiodh e agaibh a falbh Diluain.

 

Agus dhfhalbhadh sibh madainn Diluain?

 

Uaireannan. Aig a phrawn bha sinn a falbh trth, trth madainn Diluain, cha mhr as didh na Sbaid. Bhiomaid a falbh mar bu trice gu Dihaoine an uair sin. Ach aig an sgadan bhiodh sin a rir c biodh an sgadan agus d an t-m dhan bhliadhna a bhiodh ann. Nuair a bha an sgadan air an taobh seo fhin cha bhiomaid a falbh gu feasgar Diluain ach nuair a bh e air an taobh thall, air taobh eile a Chuain Sgth dhfheumamaid falbh trth airson a bhith thall ann am beul na h-oidhche.

 

An robh an sgadan a gluasad mar sin aig amannan eadar-dhealaichte dhan bhliadhna?

 

O bha. Bha an sgadan a gluasad.

 

An robh ptran ann a bha gu math cinnteach?

 

Cha burrainn dhut a bhith cinnteach s, cha burrainn. Bhiodh e as t-foghar suas toiseach a gheamhraidh chitheadh tu an sgadan deas oirnn, shuas taobh Loch nam Madadh, suas an taobh sin, far cladach Uibhist agus gheibheadh tu an sgadan sin gus an tigeadh e nuas gu lochan nam Bgh. Gheibheadh tu am ptran sin aige gun teagamh.

 

Agus ciamar a bhiodh sibh a cur seachad latha bhaisteach ma-tha aig an iasgach? Cuin a bhiodh sibh ag irigh agus d a bhiodh sibh a danamh?

 

Uill, cha robh mran latha agad aig an sgadan. Bha thu ag obair an re mhath a rir s d a gheibheadh tu. Nam faigheadh tu an sgadan trth, nam faigheadh tu na dhfhalbhadh tu leis trth, bha thu an uair sin a danamh air a mhargaid. Anns a mhadainn bha thu ga chur air tr agus bha thu dreis dhan latha ga chur air tr. Nuair a bha a h-uile cil dhan a sin seachad, nuair a gheibheadh tu an t-eathar a nighe sos bha thu a falbh air ais agus cha robh mran ach gheibheadh tu s dcha dithis ga toirt air falbh agus an ceathrar eile san leabaidh nuair a bha thu ga toirt chun na margaid agus bha dithis ga toirt ann agus ceathrar eile sam leabaidh.

 

Dhfheumadh cuideigin a bhith air watch?

 

O dhfheumadh. Bha an cmhnaidh dithis againn.

 

Agus s ann air feadh na h-oidhche a bu trice a bha sibh ag iasgach?

 

S ann air feadh na h-oidhche a bha iasgach an sgadain an re mhath air fad.

 

Agus a cadal tron latha?

 

Uill, gheibheadh tu cadal air an rathad chun na margaid. S dcha an dithis a bh air watch nach robh thu a faighinn dhan leabaidh idir gus an cuireadh tu e air tr agus gheibheadh tu an uair sin, gheibheadh an dithis sin dhan leabaidh air an rathad a tilleadh.

 

Agus bha sia leapannan air brd?

 

Bha sia, no seachd a leapannan.

 

D na cur-seachadan a bh agaibh air brd?

 

Cha robh mran tde cur-seachad ann mar a bha a chis a dol. Nam biomaid latha air acaire le droch thde no rud dhan t-sersa sin bhiodh tu a cluiche chairtean no rud dhan t-sersa sin.

 

Am biodh sibh a gabhail rain?

 

O cha bhiodh.

 

No sgeulachdan?

 

O uill, bhiodh sgeulachdan a dol tha mi creidsinn co-dhi.

 

A bruidhinn a-null s a-nall. Ach bha Boblaichean sa chuid a bu mhotha nach robh?

 

O bha. Anns a h-uile h-aonan, bha. Bha agus a gabhail an Leabhair a h-uile h-oidhche nan gabhadh e danamh. Bha.

 

Agus a seinn?

 

Cha bhiodh. Cha bhiomaide a seinn idir. Chunna mi sinn a seinn nam biodh a dh no tr againn cmhla ri chile dheidheadh na criuthaichean a dhaon eathar airson Leabhar a ghabhail s bhiodh iad a seinn. Ach mun do thisich mise air, chuala mi Iain a bruidhinn air a sin, bha cuimhn aige air, as t-samhradh nuair a bha m athair ris an iasgach matha agus iad a cur mar a chanadh iad banca nam bgh a-mach far cladach nam Bgh ann a shin, bhiodh iad a cur ann a shin agus bhiodh na h-eathraichean bdeag bho chile agus chluinneadh iad an t-seinn as an drna h-eathar, chluinneadh iad e anns an eathar eile. Bhiodh iad a seinn anns an latha sin.

 

Bhiodh sin bregha.

 

Bha e bragha, bha.

 

Nach robh geasachdan ann cuideachd...iad a smaoineachadh gun robh superstition an lib cuid de rudan?

 

O bha.

 

Am biodh sibh a cluinntinn mu dheidhinn?

 

Bha sinn a cluinntinn mu dheidhinn ach cha robh mran dheth san latha againn idir. Ach chuala mi Iain a bruidhinn air, bha sin mus do thisich mise, tha mi smaoineachadh gur ann san Loch Shealg. Bha iad air acaire agus bha d bhta far Cluaidh ann. Cha robh iad a danamh iasgach math idir. S ann sa Mhaighdeann Hearach a bh e an uair sin agus dhirich iad a mhadainn a bha seo agus bha an criutha a bha seo as a bhta-sa agus dhfhalbh iad agus bha lasair theine aca nan limh, mar gum biodh mapaid le ola air, agus i na teine agus dhfhalbh iad leis a sin agus thisich iad na deireadh no na toiseach, chan eil cil a dhfhios am agus bha rudeigin aca a bualadh beul an eathair. Ma s ann na toiseach a thisich iad dhfhalbh iad leis sos an dara taobh timcheall a deiridh, suas an taobh eile gus an do rinig iad far an do thisich iad mar gum biodh iad a cur air falbh na bana-bhuidsich. Bha sin far Cluaidh...s ann a bha an t-eathar sin a-nis. Chuala mi Iain ag innse sin. Chan fhaca mise leithid sin riamh ach chuala mi Iain ga innse.

 

Bha dathan ann cuideachd nach robh iad airson fhaicinn nach robh?

 

Bha uaine. Bha gu ler ann nach robh airson uaine idir. Gheibh thu beagan dhan a sin ann a sheo fhathast ach s ann uaine a bha am Britannia a bh aig mathair. Riamh, s ann uaine a bh i. Nuair a pheant sinn an Rbhinn Donn mu dheireadh s e varnish a bh oirre a tighinn dhachaigh agus bliadhnaichean as didh tighinn dhachaigh ach bliadhna no dh mu dheireadh a bha i againn bha leithid de dhobair anns a varnish agus pheant sinn i, agus s e uaine a chuir sinn oirre air silleabh tha mi creidsinn gur e uaine a bh aig mathair. Agus an t a fhuair Murchadh ris an robh thu a bruidhinn an latha roimhe s e mac brthair m athar a bh ann am Murchadh fhios agad agus bha athair Mhurchaidh cmhla ri m athair-sa anns a Bhritannia agus s e sin a bu choireach gun tug Murchadh am Britannia air an eathar a fhuair e fhin. Agus nuair a pheant Murchadh am Britannia, s e uaine a chuir e cuideachd oirre, air silleabh tha mi creidsinn gur e uaine a bh air a Bhritannia a bh aig mathair.

 

An robh daoine a gabhail oghnadh gun do chuir sibh uaine oirre? An tuirt duine guth riamh?

 

Cha tuirt, cha tuirt. Ach bha gu ler ann nach danadh e air shon sin, nach peantadh uaine idir iad.

 

Saoil carson a bha uaine...?

 

Chan eil cil a dhfhios am d bh aca an aghaidh an uaine.

 

S cha robh iad airson crotal na bu mhotha. Cha robh iad airson stocainnean a bh air an dath leis a chrotal.

 

Bha, gheibheadh tu sin cuideachd. Ach bha gu ler ann a sheo an-drsta, tha mi creidsinn gu bheil gu ler ann fhathast nach peantadh doras uaine no nach cuireadh uaine mun taigh. Tha, no pipear uaine. Tha gu ler ann fhathast a creidsinn ann a shin. Chan eil cil a dhfhios agamsa a-nis d a bh aca an aghaidh an uaine ach bha e ann gun teagamh ann an cuid.

 

An robh rudan eile mar sin ann? An robh iad a gabhail eagal ro rudan. Cailleachan air an rathad nach robh?

 

Bha. Bhiodh iad...chuala mi mathair ag innse oidhche agus e a dol a-mach agus thachair...chan eil cuimhn am c am boireannach a bh ann s dcha nach biodh e glic dhomh a rdh ged a bhiodh cuimhn agam air, ach thachair a leithid seo a bhoireannach ris agus e air a rathad gu muir agus mhill e an t-slighe air. Chaidh maill a chur air co-dhi agus cha robh iad an digh, an crr dhan a chriutha a bh air brd. Ach ri linn seo, ge b e d a mhaill a chaidh air, chan eil cuimhn am an-diugh, bha iad caran fada gun fhalbh airson a dhol gu deas a-mach far cladach nam Bgh s ann as t-samhradh a bha seo agus chaidh iad chun an taobh tuath a-mach far an t-solais am beul a Chaol ann a shin bha e na bfhaisge orra agus chuir iad na ln ann a shin agus nuair a tharraing iad na ln anns a mhadainn, bha dusan crann no rudeigin dhan t-sersa sin aca s an fheadhainn a chaidh gu deas cha dfhuair iad cil.. Agus bha iad ag obair air an t-sersa rud seo, ach cha robh sin ach mar a thachair ann am freastal ach bha esan toilichte gu ler leis na fhuair e de sgadan co-di as didh na chaidh a rdh ris airson bruidhinn ris a bhoireannach a bha sin!

 

An robh dreach cailleachan snraichte ann mar sin?

 

Bha. Bha feadhainn ann a bha iad a feuchainn ri sheachnadh.

 

Saoil carson? Ciamar a gheibheadh iad ainm airson sin?

 

Chan eil cil a dhfhios am ?

 

An robh an drna sealladh aca no rudeigin?

 

Uill, bha iad a creidsinn gun robh rudeigin dhan t-sersa sin ann.

 

Nach robh faclan ann nach robh iad...?

 

O bha. Fiadh agus coinneanach agus cha robh iad airson bruidhinn air fiadh idir.

 

Air brd eathair?

 

Seadh, no air bradan no coinneanach cuideachd.

 

Saoil carson?

 

Chan eil cil a dhfhios am. Ach s ann ron an linn agamsa a bha sin. Ach bha fear cmhla riumsa...s e mac brthair mathar a bh ann fhin agus s e mac brthair athar Mhurchaidh a bh ann cuideachd. Bha e cmhla rinn sa chiad Rbhinn Donn agus nam faiceadh e bogsa mhaidseachan Swan Vestas a tighinn air brd chathadh e a-mach air a mhuir e.

 

Seadh?

 

Cha robh iad air a shon idir.

 

An e an eala?

 

Dealbh na h-eala air an rud. Cha robh iad airson na h-eala idir. Chathadh e bogsa Swan Vestas a-mach air a mhuir. S e aimeadas uabhasach a tha sin.

 

Tha e iongantach.

 

S e amaideas uabhasach a th ann agus bha gu ler dhiubh cuideachd nach robh airson a bhith a cluiche chairtean. Chuireadh iad am pac chairtean a-mach air a mhuir, feadhainn aca. Chuireadh. Chunna mise fear a bha trr na bige na mi fhin a bha cmhla rinn na fhear-criutha, chunna mi e a cath pac chairtean a-mach air a mhuir. Cha robh e airson gum biomaid a cluich chairtean idir.

 

An e mar gum biodh obair an t-Stain?

 

S e rudeigin dhan t-sersa sin a bh ann, s e.

 

A bheil duine fhathast ann a bhiodh diombach bruidhinn air fiadh no cil mar sin?

 

Chan eil an-diugh, chan eil. Sin cleachdadh eile a bhiodh aca chan fhalbhadh iad...s an latha ud cha robh cidhe no cil ann a sheo. S ann air deireadh nan eathraichean a bhiodh iad a ceangal nan acraichean san latha ud, bha iad a cumail a-mach gun robh iad a laighe na bfherr ris an acaire na deireadh agus nuair a dhfhalbhadh iad agus a leigeadh iad s an t-acaire, dhfheumadh iad falbh leis a ghrin. Cha deidheadh iad an aghaidh na grine idir.

 

Nach deidheadh?

 

Cha deidheadh. Dhanadh iad a h-uile dcheall airson nach biodh aca ri dhol an aghaidh na grine. S dcha uaireannan nam biodh e duilich air sgth na gaoithe na rud sam bith dhan t-sersa sin, ach nan gabhadh e idir danamh dhfheumadh iad falbh leis a ghrin. Agus bhiodh iad a danamh str mhr airson sin cuideachd. Airson cumail ris a sin.

 

Tha e iongantach. An deach feadhainn anns an rathad leis an iasgach ann a sheo?

 

Cha deachaidh. Bha sbhaladh morbhaileach air na bha ag obair ann a sheo.

 

Leis na bh ann de dhaoine?

 

Bha mi an oidhche roimhe fhin a cunntais gun robh aon-deug no dusan eathraichean againn a dol a-mach s a seo aig an Ringnet agus sianar as gach eathar agus mar a bha mi ag innse dhut nuair a bha an lon ga chur agus an t-eathar eile a togail ceann an ln, bha an d eathar an uair sin a tighinn ri chile gualain ri gualain agus bha ceathrar s an drna eathar a leum dhan an eathar eile. Nise ma n thu fhin dealbh air an da eathar a tighinn ri chile ann an suala agus an drna t a dol an ird os cionn na tile agus rud dhan t-sersa sin, bha iad a leum.. S ann a leum a bha sinn iad a bha sinn ma tha - s an drna t dhan tile agus...

 

Cha robh sibh gan ceangal no cil?

 

Cha robh, ach bha iad a tighinn gu chile mar siud agus sa spot a bha iad a bualadh na chile bha thu a leum agus btannan tr chairteal ort agus cha b e briogais agus seacaid a bh oirre an uair sin ach mar achanadh iad froga-oillsgin sos gu do ghlinean. Bha thu a togail sin an ird mu do mheadhan agus a leum agus cha do thachair cil do dhuine riamh againn.

 

Bha sin iongantach.

 

Bha e iongantach. Cha do thachair cil do dhuine riamh.

 

An robh an t-iasgach ann an Sgalpaigh a dol air adhart fa leth bho iasgach tr-mr Na Hearadh? An robh mran buntanas eatorra?

 

Uill, cha robh mran iasgaich air tr-mr Na Hearadh ann. Cha robh duine sa latha ud, na mo latha-sa, cha robh bta dhan t-saoghal air tr mr Na Hearadh ach an fheadhainn ann an Caolas Stocanais, agus s ann ris na Drifts a bha iad sin. Cha robh an crr anns Na Hearadh sna bliadhnaichean ud.

 

Saoil d bha cho snraichte mu Sgalpaigh? Saoil carson a bha an t-iasgach cho soirbheachail ann a sheo?

 

Chan eil cil a dhfhios am. Uill, s ann airson an iasgaich a thinig daoine a dhfhuireach a Sgalpaigh sa chiad ite, tha mi a tuigsinn.

 

Feumaidh gun robh an t-ite gu ndarrach math air a shon.

 

Bha an t-ite ndarrach math air a shon. Bha acarsaid mhath ann bha d acarsaid mhath ann an acarsaid a tuath agus an acarsaid a deas. S e an acarsaid a tuatha a bu mhotha a bha iad a cleachdadh an t a tha mu ar coinneamh ann a sheo.

 

An e gun robh i fasgach?

 

Bha i fasgach, bha. Tha i an re mhath dinte. Chan eil ach caolas am beul na h-acarsaid a tighinn a-staigh. Ach s e acarsaid mhath a th ann. Agus a-nis tha an grunnd iasgaich...trr dhan iasgach s ann far cladach nam Bgh a bhiodh e agus far cladach Ledhais. Ach chan eil fhios am d a bu choireach agus d is coireach nach do rinn Ledhasaich feum dhan an Ringnet cuideachd. Cha do rinn na na Ledhasaich feum dhan an Ringnet idir. Cha robh ris an Ringnet ach muinntir Sgalpaigh ann a sheo timcheall agus mar a bha mi ag rdh riut roimhe, cha robh duine ann gus am fruigeadh tu irisgeidh.

 

Ach bha iad a danamh math s an iasgach ann an Sgalpaigh?

 

O anns na bliadhnaichean ud rinn iad math dha-rreabh s an iasgach ann an Sgalpaigh. Agus ann an irisgeidh. Bha an d ite coltach ri chile.

 

Bha. Cuin a bha an t-iasgach ann an Sgalpaigh aig irde mar gum biodh?

 

O uill, s ann eadar tr fichead s a deich agus a-steach dhan a suas tr fichead agus deugnachadh suas gu ceithir fichead.

 

Gun do chuir iad stad air an sgadan?

 

Eadhon an didh dhaibh stad a chur air an sgadan, eadhan nuair a thinig oirnn a dhol chun a phrawn bha sinn fhathast a danamh iasgach math. Bha sinn cuideachd ag obair air rionnach...bhiodh rionnach air a chladach agus bhiomaid ag iasgach rionnach leis an trawl. Agus bha sinn ag iasgach sprats. Seachdain iasgaich a bfherr a bh agamsa riamh s ann anns an Rbhinn Donn mu dheireadh a bha sin. Bha sinn fhin agus am Majestic aig Dbhaidh an t-seachdain a bfherr cosnadh a bh againn riamh s ann aig sprats.

 

Bha airgead math air a sin?

 

S ann a dol airson min-isg a bha iad mar a chanas iad fishmeal ann an Sternabhagh ach bha sinn a faighinn a leithid dhiubh agus bha sinn a danamh math orra.

 

An e bliadhna no dha a rinn sibh sin?

 

Aona bhliadhna a chanainn a rinn sinn siud. Bliadhna shnraichte a bha siud bha iad pailt ann an Loch irisort suas eadar seo agus far a bheil Ces agus na h-iteachan sin. Aig an m sin bha an t-airgead a bha sinn a faighinn bha e eadar an d eathar. S e sin a chiad roinn a bhathas a danamh air. Bha iad ga roinn eadar an d eathar fhios agad agus anns an latha sin...seachdain a bfherr a bha aig eathar riamh ann an Sternabhagh, an t-seachdain sin. Sin airgead a bu mhotha a choisinn eathar riamh ann an Sternabhagh sin an t-seachdain a bha againn fhin agus a Mhajestic.

 

Seadh?

 

An uair sin. Agus sheas sin bliadhnaichean mra ach tha e cumanta gu ler an-diugh. Cig no sia a mhltean a bhith aca san t-seachdain ach anns an latha ud.

 

Bha sin snraichte.

 

Bha e snraichte. Bha e snraichte. Tha mi smaoineachadh gun robh suas ri 12,000 againn eadar an d eathar anns an t-seachdain.

 

Air na sprats?

 

Air na sprats. Sheas sin a-nis biadhnaichean mus deach duine os cionn sin ach tha e cumanta gu ler an-diugh.

 

Ach tha an t-iasgach air atharrachadh an-diugh?

 

Tha an t-iasgach air atharrachadh gu mr. Cha mhr gu bheil e idir ann an-diugh. Chan fhada a bhios eathar air fhgail a seo...tha a sor fhalbh. Tha na daoine a falbh cuideachd fhios agad.

 

D is coireach saoil? D thug an t-atharrachadh seo air an iasgach?

 

Uill ann an digh thug an t-iasgach atharrachadh air fhin. Cha robh an t-iasgach ann. Chan eil t-iasgach ann mar a chleachd e.

 

Chan eil an t-iasg fhin cho pailt?

 

Chan eil e cho pailt.

 

S chan eil na daoine ann?

 

Chan eil na daoine ann. Chan eil fhios am...ma smaoinicheas tusa air dusan eathar a dol a-mach anns an latha ud agus sianar anns a uile h-eathar sin tr fichead duine s a dh dheug a falbh s a seo a h-uile Diluain an ceann an cosnaidh s e trr a bha sin. Agus a bharrachd air a sin bha feadhainn ann a sheo ag obair ann an eathraichean eile. Bha dithis no triir ann a sheo ag obair ann an eathraichean an Caol cainn agus sa Chaol.

 

Saoil ciamar a bhios an t-iasgach bho seo a-mach?

 

Chan eil mise a faicinn gum bi an t-iasgach ach truagh ann a sheo ma bhios e idir ann. Tha e air sor dhol sos.

 

Co mheud eathar a tha ag obair a-mach Sgalpaigh an-diugh?

 

S an latha s an robh mise ag obair cha robh ann ach an t-sersa sin cha obh eathraichean beaga idir ann ach an-diugh chan eil ann ach eathraichean beaga. A dol a-mach le aon duine agus dithis a dol a-mach. Chan eil eathar a dol a-mach Sgalpaigh an-diugh ach le barrachd air dithis.

 

An e an Ringnet a th aca fhathast?

 

Och chan e. Chan e a th aca an-diugh ach clibh. Feadhainn ri...aonan no dh air fhgail a trawladh airson a phrawn agus bidh iad uaireannan ag obair air a chreachan ach a bharrachd air a sin chan eil ann ach clibh. Daoine ag obair nan nrachd agus ag obair le clibh.Feadhainn dha na h-eathraichean le dithis annta agus sin agad e.

 

Tha fhios gun robh buaidh aig a sin air a choimhearsnachd cuideachd, nuair a dhatharrachaich an t-iasgach?

 

Bha, tha mi creidsinn. S e coimhearsnachd thoilichte a bha seo anns an latha ud. Bha trr, ciamar a chuireas mi e, chan e fearmad a chanas tu ris idir ach bha trr str eadar an dara duine a feuchainn ri danamh na bfherr na an duin eile.

 

Farpais?

 

Seadh farpais bha trr dhan a sin ann gu ndarra. Ach aig an aon m, mar a bha mi a rdh riut roimhe, nam biomaide dol a dhfhaighinn barrachd sgadain san lon s a burrainn dhuinn a thoirt leinn, uill, bha thu ag igheach air do nbaidh an uair sin air t dha na h-eathraichean eile airson tighinn. Ged a bha a chmhstri a bha sin ann, aig an aon m bha sinn ag obair cmhla ri chile. S e cmhstri ann an digh thoilichte a bh ann.

 

S e, s e. Agus tha fhios gum biodh na h-iasgairean a coimhead as didh dhaoine eile aig nach biodh mran cuideachd? Ma bha sibh a glacadh trr isg am biodh sibh ga thoirt seachad cuideachd?

 

Uill, nan tachradh duine a bhith ann, bha. Chunnaic mi iad a toirt seachad sgadan do dheathraichean a bha ri drioftadh cuideachd feadhainn a bh air na drift nets cuideachd nam biodh cil air fhgail againn anns an lon. Chuireamaid air brd nan drioftairean e.

 

D nise mu na boireannaich agus a chlann a bh air tr an robh cil ann a dhanamh san airson cuideachadh leis an iasgach?

 

Cha robh na mo latha-sa idir. Cha robh, cha robh cil.

 

Cha bhiodh san a cradh nan lon no cil mar sin?

 

Cha robh, cha robh.

 

S e obair dha na fireannaich a bha sin.

 

Uill, na mo latha-sa an cradh a bh air ln, cha burrainn dhut a thoirt dhachaigh leat co-dhi. S e Ringnet a bh ann agus bha thu ga chradh air brd. No dha thoirt gu cidhe agus ga chradh air cidhe. Bha e mr.

 

Bha e fada robh mhr [airson a thoirt dhachaigh].

 

Ach eadhan nuair a bha iad aig na driofts ri ln mathar nuair a bhiodh iad a toirt dhachaigh na ln agus gan cradh, fhios agad a-staigh, cha robh na boireannaich a gabhail gnothaich ris a sin. Cha robh.

 

Bha sibh a bruidhinn air a chairt?

 

Cairt, s e. [Bha sinn ga chur] air na ln chotain airson s gun seasadh iad agus gan cumail gun ghrotadh. Ghrotadh an cotan sna ln mura biodh iad air an sealltainn as an didh.

 

Sheasadh iad na bfhaide?

 

Sheasadh iad na bfhaide.

 

Bha sibh a bruidhinn air far am biodh sibh a danamh sin.

 

Bha ite ann a sheo shos, faisg air taigh mathar ann a shiud agus s e Rubha a Choire a bh ac air. An Coire Cartach. S e tanca mr a bhiodh aca airson a bhith ga leigheadh. Bha teine mr ga chur fon an tanca agus a chairt ga leaghadh.

 

Agus tha cuimhn agaibhse air a sin?

 

O tha cuimhn agamsa air a sin.

 

Agus s e stuth a bha a tighinn dhachaigh a bh ann?

 

S e, s e. Tha cuimhn am cuideachd nuair a thisich sinn air a Ringnet bhiomaid a cairteadh nan Ringnets ann an Sternabhagh. Bha ite ann an Sternabhagh bha tanca mr ann agus ghabhadh an Ringnet cur ann agus bhiomaid ga chur air lraidh agus a falbh leis agus ga chur dhan tanca a bha sin agus cha robh e san latha sin a faighinn teansa tioramachadh idir...bha sinn a danamh sin leis an Ringnet cuideachd mus do thisich an nylon a tighinn a-staigh. Nuair is e cotan a bha sna Ringnets. Agus chaidh iad gu nylon an uair sin an didh sin agus cha robh feum air.

 

Cuin a bha sin ann? Bheil beachd agaibh?

 

Nise...Bha timcheall air naoi-deug s tr fichead no mun m sin tha mi creidsinn. No as didh sin. S dcha tr fichead sa cig no timcheall air a sin.

 

D mu dheidhinn a bhith a cur fios dhachaigh an robh wireless agaibh air brd?

 

O bha. Cha mhr gun robh dachaigh ann an Sgalpaigh nach robh wireless ann, ag isteachd ri na h-eathraichean a bruidhinn ri chile. Bha sin na chuir-seachad a h-uile h-oidhche ann a sheo. Cha mhr gun robh dachaigh ann nach robh...ged nach biodh duine aca fhin air brd ann an eathar bha iad airson a bhith ag isteachd ris na h-eathraichean a bruidhinn ri chile.

 

D a chiad inneal a bh annta? An e VHF?

 

Chan e. Bha VHF dreiseag gun tighinn. Bha sinne air a chiad Rbhinn Donn fhaighinn mun tinig VHF.

 

D bh ann rona sin?

 

Cha robh ach rud ris an canamaid a Wireless Mhr. RT - Radio Transmitted - RT. Bha sin ann o...mus do thisich mise. Sin am fear ris am biodh iad ag isteachd a-staigh.

 

S bhiodh e aca air air brd. Agus chluinneadh iad na h-eathraichean?

 

Chluinneadh iad na h-eathraichean a bruidhinn ri chile. Gheibheadh tu reidios an uair ud air an robh mar a chanadh iad an Trawler Band - s e bh aca air.

 

Agus am burrainn dhaibhsan bruidhinn ris an taigh leis a sin?

 

Burrainn dhaibh bruidhinn ris an taigh ach cha burrainn dhan an taigh bruidhinn riuthasan. Cha robh an taigh ach ag isteachd.

 

O seadh, seadh. Agus an uair sin thinig a VHF?

 

Nuair a thinig a VHF bha cuid de thaighean a fhuair VHF s a bhiodh comasach bruidhinn ris na h-eathraichean, ach bha e an aghaidh an lagh.

 

O robh?

 

Cha robh e laghail idir a VHF a bhith agad air a-staigh a bruidhinn ris na h-eathraichean. Ach an uair sin bheil cuimhn agad air a CB - Citizens Band? Bha sin againn dreiseag cuideachd agus bha sin an uair sin gheibheadh tu bruidhinn on taigh ris na h-eathraichean.

 

An robh sin laghail gu ler?

 

Bha sin laghail gu ler, bha. Agus nuair a bha sinn ri iasgach a phrawn, nam biomaid faisg air limh ann a sheo an ite a dhol a Sternabhagh, bhiomaid ga chur air tr ann a sheo air an Tairbeart no anns a Chaolas agus a cur lraidh a-null a Sternabhagh leis. Bha dithis ann An Sgitheanach Mr ann an Urgha agus Lachaidh Mr ann an Urgha tha Lachaidh Mr be fhathast - s e Lachaidh Mr a bhiodh a falbh leis na prawns agus an Sgtheanach Mr bhiodh e a falbh le na clams nam biodh feadhainn ann. Agus bhiodh na CBs aca sna lraidhs. S nuair a bha sinn air an rathad a-staigh bhiomaid ag igheach riutha agus ag innse dhaibh gum biomaid anns a Chaolas no air an Tairbeart aig leithid seo a dhm agus bhiodh iad ann a shiud na ur coinneamh. S e King Prawn a bh air an drna fear agus King Clam air an fhear eile!

 

Ha ha!

 

Sin a bh aca. Bhiomaid a bruidhinn riutha mar sin agus bhiodh iad gur feitheamh nuair a thigeamaid a-staigh agus dhfhalbhadh iad leis na bh againn a Sternabhagh.

 

D th aca a-nis? An tinig cil as didh sin airson a bhith a conaltradh?

 

Cha tinig ach a fn tha a fn an-diugh...tha fn-limhe aig a h-uile duine an-diugh agus tha iad a bruidhinn ri chile le fn-limhe an-diugh.

 

An deach an CB bith?

 

Chaidh a CB, ach tha am VHF a dol fhathast. Feumaidh a VHF a bhith aca fhios agad airson sbhailteachd. Feumaidh. Ach cha chreid mi gu bheil uidhir an-diugh ann dhan a Wireless Mhr mar a chanamaid. RT. Chan eil fhios am am feum e a bhith air brd an-diugh, chan eil mi uabhasach cinnteach. Ach feumaidh VHF a bhith air brd.

 

D na h-innealan a bh agaibhse air brd? Cuin a thisich na radars s na rudan sin?

 

A chiad rud a bh againn s e an Echo Sounder airson a bhith a coimhead airson an sgadain. Bha sin ann a-nise nuair a thoisich mise an toiseach bha iad air tiseachadh leis an Echo Sounder agus thisich sin tha mi creidsinn timcheall air naoi ceud deug s leth cheud no mar sin.

 

An e sersa de sgron tha sin?

 

S e, s e agus bha e a sealltainn grunnd na mara agus chitheadh tu an sgadan eadar thu agus an grunnd.

 

Agus an sealladh e sgeirean agus rudan dhan t-sersa sin?

 

O cha shealladh, cha shealladh e sgeirean gus am biodh tu os an cionn. Cha robh e ach a dol sos dreach. Cha shealladh e cil a bha romhad no timcheall ort.

 

O seadh.

 

Cha robh feum sam bith ann airson sgeirean no rud dhan t-sersa sin.

 

Ciamar a bha fios agaibh matha air sgeirean s rud?

 

O cha robh ach dreach an t-elas a bh agad fhin. Bha an uair sin...a chiad radar a bh againne s ann air a chiad Rbhinn Donn. Cha robh e oirre nuair a thog sinn i idir ach fhuair sinn e bliadhna no dh an didh a togail.. Cuin a chaidh a togail ann an tr fichead s a sia s dcha tr fichead s a h-ochd no mar sin. Bha rdar againn air a chiad Rbhinn Donn.

 

S d tha an radar a sealltainn?

 

Tha an rdar a sealltainn timcheall ort. Tha e a sealltainn an fhearainn dhut. Cha sheall e sgeirean idir dhut ach seallaidh e am fearann a tha timcheall ort. Bha an radar feumail anns an dorchadas...bha an radar feumail.

 

A bheil cil ann an-diugh a sheallas sgeirean?

 

O tha. An uair sin fhuair sinn ...chan eil fhios am d a bhliadhna a bha sin...an snar. Fhios agad, mar a bh air na submarines aig m a chogaidh. Nuair a bhiodh tu a coimhead fiolm aig m a chogaidh agus a chluinneadh tu am ping ping a bha seo aig sonar, fhuair sinn fear dhiubh sin. Bha sin a cur a-mach, bha thu a faighinn dealbh timcheall ort.

 

An e fuaim a bha sin a cleachdadh?

 

O, bh e a sealltainn dealbh dhut cuideachd. Chitheadh tu dealbh a ghrunnd. Nam biodh cruadhas no sgeir no cil dhan t-sersa sin ann chitheadh tu e. Agus chitheadh tu, uill s ann airson iasg a lorg a bhathas ga chleachdadh fhios agad. Nam biodh iasg timcheall ort. Shealladh e dhut e. Leis an echo sounder cha robh e a sealltainn dhut ach an rud a bha dreach fomhad ach...ach shealladh seo dhut an t-iasg a bha timcheall ort fhios agad. Seall an-drsta nam biodh d eathar againn a tobhadh... mar a bha sinn leis an trawl, nam faiceadh tu cnap isg romhad, cnap sgadain romhad, uill stiireadh tu airson s gun deidheadh e eadar an d eathar agus gun deidheadh e dhan an lon agad.

 

D na h-eathraichean matha, na h-ainmeannan a bh air na h-eathraichean a bh ann a sheo? A bheil cuimhn agaibh?

 

O uill bha...

 

An t-uamhas!

 

Bha am Britannia aig mathair. Bha an Try Again ann, an Daffodil, bha a Village Maid, bha an Jasper, an Agate, an Golden Rule, Racer, Virgin, Industry, Golden Eagle, Choice.... c an fheadhainn eile a bh ann a-nise? Bha an Thistle ann s e for chuimhne a th agam air a Thistle. Bha Celerity...chan eil cuimhn am an-drsta air mran.

 

Robh aineamannan Gidhlig air mran?

 

Cha robh mran ainmeannan Gidhlig ann idir. Faodaidh mi a rdh gur e an Rbhinn Donn an aon t san latha sin air an robh ainm Gidhlig. Bha t aig Murchadh, nuair a reic e am Britannia s a fhuair e t na bu lugha s e Faire a bh aige oirre.

 

Bha t ann air an robh a Mhaighdeann Hearach nach robh?

 

O bha, a Mhaighdeann Hearach. Sin a chiad t air an robh ainm Gidhlig faodaidh mi a rdh.

 

D an t-eathar a bu mhotha a bha riamh ann an Sgalpaigh?

 

Siud agad an t a bfhaide a bh ann an Rbhinn Donn. Bha i fhin s a Vigilant bha tr fichead trigh s a tr annta. Bha dreach irleach no dh a bharrachd san Rbhinn Donn de dhfhaid. Sin agad an t a bu mhotha a bh ann dha na h-eathraichean.

 

Bha i bragha.

 

Bha. S e eathar bragha a bh innte. S e eathraichean bragha a bh annt air fad.

 

Agus c deach i nuair a reic sibh i?

 

Chaidh i a dhirinn. A dhirinn. S tha i ann fhathast. Tha i ag iasgach fhathast. Tha i ag iasgach fhathast a-mach Port Avogie.

 

Bha caractaran ann a sheo a bhiodh ag iasgach tha fhios? Tha mi air ainmeannan a chluinntinn. Cha robh Alasdair Coineagan ag iasgach ann an robh? S ann ri cargo s rud a bha esan nach ann?

 

S ann, s ann. Ach s ann aca a bha an Golden Eagle, aig na Coineaganaich. Bha iad air Driftnets anns a Gholden Eagle. S ann aig Rodaidh Alasdair a bha i matha. Mac Alasdair Choineagan. Agus bha an Seagull aca. An t-ran a bhios d athair a seinn mun a bhta bheag?

 

O seadh. Am bta beag cho bidheach beag.

 

S ann aca a bha i sin. An Seagull.

 

An Seagull?

 

An Seagull.

 

Saoil cuin a bha sin ann saoil cuin a chaidh an t-ran a dhanamh?

 

O uill, tha cuimhn am oirre. Tha cuimhn am air an eathar fhin. Cha robh iad a danamh cil leatha nuair a bha cuimhn agamsa oirre. S ann ro mo linn-sa a chaidh an t-ran a dhanamh co-dhi.

 

Rinn e rain eile cuideachd nach do rinn? An e Alasdair Coineagan a bha a danamh...

 

Uill, s e Alasdair Coineagan a fhuair an ghlir airson an rain ud ach bha feadhainn a cumail a-mach gur e fear a bha cmhla ris a rinn an t-ran. Ach tha mise dhan a bheachd gur e Alasdair Coineagan a rinn an t-ran.

 

Seadh.

 

Tha e a bruidhinn san ran air a bhalachan a bha cmhl ris.

 

Tha. C fear a bha sin matha?

 

Bha fear ris an canadh iad Ruairidh Nill. Seanair...faithnichidh tu Ruairidh Mr Tpaidh? Seanair a bhalaich sin. Sin fear a bha cmhl ris.

 

Bha iad ag rdh cuideachd gur e a rinn am port tha siud, Tha bean agam, tha taigh agam. Bheil siud ceart?

 

Cha chuala mise sin riamh.

 

Nach cuala? Fhios agad, tha punnd de shiabann geal agam.

 

Seadh.

 

Chaidh siud tro mo chluasan co-dhi. Chan eil fhios am a bheil sin ceart.

 

Cha chuala mi sin riamh a-nise.

 

Tha e nenach mura cuala matha. Chan eil fhios am a bheil e ceart.

 

Bidh fhios aig Mrag. Chan eil fhios am . Tha e duilich leam sin a shlugadh. Ach tha e comasach gur e.

 

Feumaidh mi foighneachd do Mhrag. S dcha gun do thog mise siud cerr, chan eil fhios am. Ach c an fheadhainn eil a bha seo matha? Dmhnall Ruairidh bha esan ris a chutadh nach robh?

 

Bha. Bha esan a smocadh, a danamh kippers.

 

Agus c robh e a danamh sin?

 

Bha aig a chidhe a tha muigh. Aig an t-sead mhr a th aig a fish farm an-diugh. Tha cuimhn am air an t-sead san robh e a danamh nan kippers. Bha dh no thr dha na seadaichean sin ann an uair sin. Bha d chidhe ann a shiud an uair sin, far a bheil an cidhe a-muigh an-diugh. S ann ann a bhiodh an Loch Mr a tadhal mus do thisich na ferries s an Loch Mr a bhiodh a tadhal. Agus bha cidhe eile ann, bdeag an taobh a-staigh dheth ann an oisean ann a shin agus s e cidhe an Stibhartaich a bh aca air. Feumaidh gur e Stibhartach a bha a cutadh fhios agad ann a shin, anns an fhear sin. Tha cuimhn am air an fhear sin, air cidhe an Stibhartaich. Bha e a falbh s a chile ri mo chiad chuimhne-sa. Agus bha sead aig Dmhnall Ruairidh ann a shin far am biodh e a kippereadh.

 

Agus a bheil na cidheachan sin fhathast rim faicinn?

 

Chan eil. Chan eil sgeul air... a chidhe aig am biodh an Loch Mr a tadhal, s e sinn fhin nuair a bha sinn ag obair aig a bhradan a chuir s a chile i. Chuir sinn cidhe concrete na ite.

 

Cil sin a-nis?

 

Tha a-muigh ann a shiud... Seall far am faic thu an t-eathar beag agus taigh-cuibhle geall air eathar a-muigh ann a shin? Seall an sead mr a tha shos ann a shiud. Sin agad far an robh an cidhe sin. Bhiodh an Loch Mr a tadhal ann a shin Dimirt s Diciadain s Dihaoine.

 

Agus d chanas sibh ris a chidhe seo? [pointing]

 

S e an Stisean a bh aca air a sin. Bha iad a cutadh ann a shin cuideachd. S ann sna ... cuin a bhiodh ann... tr fichead s a deich no roimhe sin s dcha a chaidh an cidhe sin a thogail. Nuair a thug sinne dhachaigh a chiad Rbhinn Donn ann an tr fichead s a sia deug s ann air acaire a bha i. Cha robh an cidhe ud ann idir.

 

Agus far a bheil a factoraidh ann a shin shos, cin a chaidh sin a thogail?

 

O s ann a chaidh sin a thogail cmhla ris a factoraidh fhin. Cha robh cidhe ann a shin no cil riamh. S ann a chaidh an cidhe sin a thogail nuair a chaidh am factoraidh a thogail.

 

Agus far an robh an aiseag a tighinn a-nall, an ann dreach airson na h-aiseig a chaidh sin a dhanamh?

 

O s ann, s ann.

 

Cha robh gnothaich aig a sin ri iasgach.

 

Cha robh, cha robh. Chaidh sin a dhanamh airson an aiseig.

 

Agus na sgeirean a tha timcheall ann a sheo...bidh fios agaibh air na h-ainmeannan aca air fad.

 

O tha. Ha ha! Agus dhfheumadh fios a bhith agam c robh iad cuideachd! Ha ha!

 

Dhfheumadh! D na sgeirean a bha timcheall matha? D chanas sibh ris a seo a-muigh?

 

Rubha nan Cudaigean a tha sin. Tha t ann a shin as deidh dhut a dhol timcheall Rubha nan Cudaigean s e Sgeir NicCuinn, ge brith c bh ann an NicCuinn. [] S e bh air an t sin. Bha t thall dhan a sin aig Stiughaigh air a bheil Sgeir a Cheann Reamhair agus tha an uair sin Sgeir a Bhrghaid Mhir an taobh a-muigh dhan a sin. Agus tha Sgeir Urgha ris a chladach shuas ann a shiud, dreach air Urgha agus tha Cuidhtis Sgeir an taobh shuas de Sgeotasaigh ann a shin agus tha, sin agad na tha timcheall ann a sheo faodaidh mi a rdh.

 

D mu dheidhinn a dol a-mach gu na h-Eileanan Mra?

 

Chan eil cil ann a shin. Eadar seo agus na h-Eileanan Mra, thid thu a-mach an Caol ann a sheo agus a cumail dreach air na h-Eileanan Mra chan eil cil ann. Ach tha sgeir ann ris an can iad Damhaig tha i anns an ran sin a bhios d athair a seinn. Tha solas an-diugh oirre, air Damhaig. Tha Sgeir an Nodha a-mach bhon an t-solas a-nise, tha tr...nam biodh tu a falbh s a seo an-drsta gu ceann a tuath an Eilein Sgtheanaich, tha tr sgeirean ann an loidhne a chile. Tha Sgeir an Nodha s tha Sgeirean Maola agus Griadaich a Chuain. Tha na tr sin a-mach eadar thu agus ceann an Eilein Sgtheanaich. Tha Griadaich a Chuain air an t sin a-nis agus tha Griadaich eile a-mach an Iar Dheas air an taigh sholais nas fhaisge air tr tha solas oirre sin an-diugh cuideachd - Griadaich.

 

Ach dhfheumadh fios a bhith agaibh air na sgeirean sin.

 

O Thia dhfheumadh.

 

An e ur n-athair a bha ag innse dhuibh mun a sin?

 

Thinig e a-nuas anns na linntean.

 

Bha sibh a cluinntinn mun deidhinn nuair a bha sibh a fs suas?

 

Bha, bha. Nuair a chaidh mise a-mach an toiseach cmhla ri Iain cha robh mran elais agam ach mar a bha mi a dol air adhart...

 

An deacha sibh riamh air sgeir?

 

Chaidh. Chaidh air oidhche, leatha siud. Chan e mise a bh oirre ach Iain. Thinig sinn tarsainn ...cha chreid mi nach ann s an Eilean Sgtheanach a thinig sinn, mi fhin agus am Majestic. Oidhche greannach, dhorcha gheamhraidh ann. Agus bha an rdar aige cuideachd agus an didh tighinn timcheall ceann Stiughaigh ann a shiud a-muigh...bha mise air a chlaibh san taigh-chuibhle agus chunnaic mi dhanadh tu a-mach na solais air an jetty thall ann a shiud...chitheadh tu an jetty a darrsadh agus thuirt mi ri Iain Tha thu a cumail ro fhaisg air cl ird na Cille. Agus chuir e car dhan a chuibhill a-mach, dol a thighinn chun an limh cherr leatha gu port agus an ath rud bhuail i! S e dorchadas na h-oidhche agus aig an m shioft e ... bha e ag atharrachadh... bha e a danamh an dealbh air an rdar na bu mhotha agus anns an t-siofteadh a bh aige chaill e dreach agus bha am Majestic a tighinn s ar didh. Stioc i cha tinig i dheth idir. Dhfhan i gus an do thog an ln i.

 

An deach milleadh a dhanamh oirre?

 

Chaidh dreach beagan millidh a dhanamh oirre. Cha deach milleadh mr sam bith a dhanamh oirre. Cha tinig i gi eudon no cil dhan t-sersa sin. Sin agad an aon rud air a bheil cuimhn agam.

 

An do ghabh sibh riamh eagal a-muigh aig muir?

 

Cha do ghabh. Chan urrainn mi rdh gun do ghabh mi riamh eagal fhads a bha mi ann.

 

Robh sibh riamh air ur glacadh a-muigh ann an gile?

 

Bha sinn a-muigh ann an gilltean gun teagamh, bha, ach chan urrainn mi rdh gun do ghabh mi riamh eagal.

 

D an gille a bu mhiosa san robh sibh a-muigh?

 

O bha aig 9 no 10, bhiodh sin a tachairt.

 

Bha sin gu math curs!

 

O bhiodh. Bha sin a tachairt ach cha deidheadh tu a-mach air a shon ach s dcha gun tigeadh e ort.

 

Dhfheumadh sibh a bhith a cumail sil air an tde.

 

O dhfheumadh, dhfheumadh. Ach bha earbsa agad anns an fheadhainn a bha cmhla riut. S e Iain sa bhitheantas a bha a sgiobaireachd. Bha e na bu shine na mise agus bha na belaiche na mise. Bha earbsa agam s. Tha mi creidsinn gun robh sin a sbhaladh nach robh eagal orm. Agus bha a h-uile duine, anns an t-suidheachadh san robh mi. Bha earbsa agad s an duine a bh air do cheann.

 

An robh agaibh ri tiocaid a chosnadh airson a dhol gu muir?

 

Bha. Nuair a chuir sinn airson a chiad Rbhinn Donn bha i dreach fon a chig tunna fichead. Ma bha eathar agad seachad air cig tunna fichead cha robh feum agad air ticead. Bha i an taobh a-staigh dhan a sin...cha robh i buileach an cig tunna fichead. Ach s e an t-airgead a fhuair sinne airson a chiad Rbhinn Donn, cha bann o Bhrd Leasachaidh na Gidhealtachd a fhuair sinn idir e ach o Bhrd an Sgadain. Herring Industry Board ann an Dn ideann bhon dfhuair sinne cuideachadh airson a chiad te. Aig an m sin chomhairlich iad dhan drna fear againn a dhol airson tiocaid mi fhin no Iain. Agus bha Iain na bu shine na mise agus thuirt Iain Thig thusa air a son. Agus dhfhalbh mi fhin agus dithis bhalach eile s a seo agus chaidh sinn a Dhn ideann, a Lte agus sinne a chiad fheadhainn ann an Sgalpaigh a fhuair tiocaid.

 

D an ine a bha sibh ann a shin?

 

Bha faisg air tr mosan. Crr air d mhos co-dhi. Bha sinn a fuireach ann an Dachaigh nan Seldairean ann an Lte. An uair sin d an ine...a-nise nuair a thinig an drna Rbhinn Donn dhfheumadh i sin tiocaid oir bha i seachad air...

 

Ach bha an tiocaid agaibh.

 

Bha an tiocaid agamsa, ach bha sin a ciallachadh mura bithinnsa air brd, cha burrainn do Iain a dhol a-mach leatha. Agus dhfhalbh Iain an uair sin agus s ann a bha e seachd bliadhna na bu shine na bha e nuair a fhuair mise i. Ach dhfhalbh e s fhuair e i. Chaidh grunn dha na balaich ann a sheo airson tiocaid uill dhfheumadh iad. Mar a bha Coinneach Sticidh ann a shin agus Dmhnall Beag Dhmhnaill Maireid agus Murchadh Mr, Murachadh Ailig Aonghais Bhin agus Dbhaidh agus a h-uile duine dha na balaich sin.

 

An robh agaibh ri pigheadh airson sin a dhanamh?

 

Cha robh, cha robh.

 

Agus an cuideachadh a bha sibh a faighinn airson eathraichean a cheannach, an robh agaibh ri phaigheadh air ais no an e grant a bh ann?

 

Bha an d chuid ann. Bha cuid aca a faighinn iasad cuideachd.

 

Ach bha sin na chuideachadh.

 

Bha, bha. Tha cuimhn agamsa, cuin a bh ann a-nise. 1977, chaochail Ceiteag Thormoid shos an rathad ann a sheo an t a bha psta aig Calum na Corraig. S e brthair dhthse aig an robh an Scalpay Isle. Agus nuair a chaochail Ceiteag bha an tiocaid aigesan, aig Fionnlagh, ach cha robh tiocaid aig duine a bh air brd ach e fhin. Agus nuair a chaochaill Ceiteag, dhfhuirich esan a-staigh airson seachdain no dh agus thinig e far an robh mise ach an deidhinnsa a-mach na ite air an Scalpay Isle oir bha tiocaid aig Iain airson an Rbhinn Donn. Agus chaidh mise a-mach cola-deug no rudeigin anns an Scalpay Isle an ite Fhionnlaigh. Leis an lagh bha e rudeigin cunnartach ma bha cil dol a thachairt agus gun cuideigin le tiocaid air brd.

 

Tha trr elais agaibh air an iasgach tha sin follaiseach.

 

Chan eil mi cho elach ri Murachadh Dhmhnaill Iain idir ach bha e ris na bfhaide na bha mise.

 

 

DISK ENDS