Harris Fishing Heritage Project 2007

 

Interview with Donald MacKay (DMK), Scalpay

 

(Original Transcript in Gaelic)

 

NB:

denotes pauses in speech

[] denotes text which has been edited out

 

 

JMD: Seo Jo NicDhmhnaill a bruidhinn ri Dmhnall MacAoidh ann an Sgalpaigh air an t-seachdamh latha dhan Lnastal 2007. Tha sinn gu bhith bruidhinn mun iasgach. Tha elas agaibh fhin mun iasgach a Dhmhnaill?

 

DMK: Bha mi an toiseach ag iasgach a ghiomaich nuair a dhfhg mi an sgoil.

 

Bheil e m-mhodhail dhomh faighneachd d an aois a tha sibh fhin?

 

Tha mi seachad air 74.

 

Chan eil sibh a coimhead sin matha! An do thisich sibh ag iasgach nuair a bha sibh a-mach s an sgoil?

 

Mus do dhfhg mi an sgoil. Bhiomaid a dol a-mach chun a ghiomaich s didh na sgoile. Bha an giomach pailt an uair sin.

 

D a chiad eathar air an robh sibh?

 

Uill, bha eathar againn fhin agus s e am Boy Fred a bh oirre agus sin far an do thisich sinne. A-nis bha tile againn s e cpalla a bh ann agus bhithinn fhin s mo bhrthair a dol a-mach leatha dreach timcheall mu na crnairean. Och bha sinn a danamh alright.

 

An robh an t-iasgach anns an teaghlach?

 

O bha. Bha mathair a seladh agus bha mi fhin a seladh dreis mhath ach thinig mi air ais chun an iasgaich. Bha e anns an fhuil agus dhfheumadh tu tighinn air ais.

 

S ann air a ghiomach a thisich sibh?

 

Air a ghiomach, s ann. Bha d an uair sin gan cur ann an cisteachan-teatha a bhiodh aca. Bhiodh iad gan gearradh s gan lonadh s a cur fraoch orra, no arbhar s bha d a pacaigeadh sin s gan cur gu Billingsgate.

 

Bhiodh iad tioram?

 

O mar bu tiorama e s ann a bfherr e. Fhads nach faigheadh an aidhear thuca. [...]

Uaireannan bhiodh san ag rdh gun robh iad marbh s gun iad marbh idir ach dhfheumadh tu dreach am facal fhin a ghabhail air a sin.

 

Agus d an ine a mhaireadh iad?

 

Bheireadh iad dreis mhath a dol gu Billingsgate. Bheireadh iad lithean, bheireadh. Ach, fhads a bhiodh iad tioram gun an aidhear faighinn thuca mhaireadh iad deagh dhreis... mhaireadh. Bhiodh iad ann a sheo a cur nan crbagan ann an smr na mna s bhiodh iad ann lithean...fhads nach tioramaicheadh an druim aca tha thu alright. [...] Bha d an uair sin a dol gu Baxter s d an fheadhainn eile? Och bha a dh no tr a ceannach an uair sin. George Rush...sin feadhainn eile a bh ann am Billingsgate. [...]

 

Ciamar a bhiodh iad a falbh gu ruige Billingsgate?

 

Bhiodh iad a falbh air an Lochmr sos dhan a Chaol. Bhiodh an uair sin na h-eathraichean beaga a dol chun an Lochmr s gan cur air brd. Siud mar a bhiodh iad a falbh. Ach bha an uair sin...a chuid a bu mhotha dha na h-eathraichean s e d fhichead cliabh a bha d ag obair. Bha sin fhin gan cumail. Gu math tric s ann air an 20th August a bhiodh aid a tiseachdainn air a ghiomach. Sin an date an-cmhnaidh a bhiodh iad a tiseachadh s bhiodh iad an uair sin ag obair dreis dhan a gheamhradh gus an cuireadh an droch thde a-steach iad.

 

Cuin a bfherr a bha a phrs air a ghiomach?

 

O s ann mun a Christmas. Sin agad nuair a bha a charaidh math fhios agad. Bha sinn gan stradh suas chun a bhliadhn ir. Bha sinn gan cur air falbh an uair sin. O, bha thu a dblachadh d airgead an uair sin. Ach an fheadhainn a bh ann romhamsa s ann aig a ghiomach a bha d riamh. Cha do rinn iad cil ach an giomach. S an sgadan uaireannan. Bhiodh iad sin a dol a Ledhas agus all over fhios agad. Bha d a cadal anns an eathar. O bha d sin ainmeil aig a ghiomach.

 

D an ine a bha sibh air a Bhoy Fred?

 

Thinig an uair sin eathar eile...am Maria...thinig i Cluaidh agus thinig mise an uair sin s a sin chun an sgadain a chiad bhliadhna a thinig i ann a sheo. S ann leis na driofts a bha sinn [...]

 

An ann leibh fhin a bha an t-eathar sin?

 

Chan ann, chan ann. Bha mi innte dreach na mo ghibearlan beag! [...] Bha mi d shasan innte sin.

 

D an sersa eathar a bh innte sin?

 

O t dha na ringers a bha ag obair air a Chlyde shos. Ach bha i sin mu dheireadh na passenger-boat ann a sheo mus tinig am ferry. Sin an obair a bh aice an uair sin. Bha sinn aig an sgadan leatha agus aig an lon mhr ag obair air an trosg a-mach Loch nam Madadh. Bha an trosg an uair sin...bhiodh an toll againn letheach le trosg. Tha gnothaichean air atharrachadh an-diugh.

 

D an fhaid a bha sa Mharia?

 

Bha faisg air leth-cheud innte tha mi creidsinn. O bha i fada. S e gl bheag dha na ringer s a bh ann an uair ud. [...]

 

An ann dreach a cur lon a-mach a bha sibh?

 

O dreach a cur drifts...s dcha gum biodh d fhicead lon agad air an drift.

 

S ann airson an sgadain a bha sin?

 

S ann. Ach, dhin seo...dhin an sgadan s chan fhaigheadh tu lon a chur gu muir idir. Thug e d bhliadhna dinte ach nuair a dhfhosgail e an uair sin bha an sgadan an didh tighinn air ais ann a sheo.

 

An e seo an quota a chaidh a chur air?

 

O chan e. Dhin iad an uair ud e. Bha e air fs cho gann co-dhi agus dhin iad e. Tha dreis bhon uair sin...tha mi creidsinn gu bheil fichead bliadhna air ais no barrachd. [...] Chan fhaigheadh tu lon a chur air muir idir...chan fhaigheadh. Dhfhosgail iad an uair sin e agus o bhrinein bha sgadan ann a bha beautiful.

 

An robh?

 

O bha. Fhuair mise d fhichead lon s irinn agus fhuair sinn eathar...s e a Hopeful a bh oirre. S ann airson na drifts a bha i. Bha sinn a-muigh leatha sin an uair sin. Cha robh oidhche nach robh sinn a faighinn deugnachadh a chrainn. Cha robh againn ach sia no seachd a ln...s bha prsean an uair sin dreach sgoinneil.

 

C bh oirre sin?

 

Cha robh ach mar a thigeadh iad. Duine sam bith a bha airson a dhol a-mach. Bha mi fhin s am balach agam innte. Bha e cmhla rium fad an t-siubhail. Tha cuimhn am...bhris i sos oirnn agus chaidh sinn a-mach. Bha tile againn s e am Pine a bh oirre. S ann Srannda a fhuair sinn i. Nuair a thinig mi dhachaigh bhon t-seladh fhuair mi ann an Srannda i. Rinn mi fhin suas i...bha an t-einnsean oirre mar-th. Bha i againn aig an drioft agus fhuair sinn cig crainn sgadain an oidhche sin s fhuair sinn...tha mi smaoineachadh gur e world record a bh ann...86 airson bogsa sgadain.

 

86 airson bogsa sgadain?

 

Seadh. Fhuair sinn sin airson na bh ann air fad.

 

Bha sin morbhaileach!

 

Morbhaileach! Bhe e duilich a chreidsinn dreach. Ach bha daoine cho desperate an uair sin airson sgadan fhaighinn ged a phigheadh iad.

 

Agus co mheud bogsa a th ann an crann?

 

Ceithir. Ceithir basgaidean matha...sin an crann. Cha robh againn ach seachd ln a-muigh. Fhuair sinn...bha mise a faighinn fichead crann ann an seachd ln. S e shot dha-rreabh a bha sin.

 

S cuin a bha sibh aig muir a seladh?

 

Chaidh mise sheladh ann a 51 cha chreid mi.

 

C robh sibh a seladh?

 

O chaidh mi timcheall an t-saoghail a dh no tr throipean.

 

D am bta air an robh sibh?

 

O bha air aon deugnachadh math. Faisg air fichead tha mi creidsinn.

 

An ann sa Mherchant Navy a bha sibh?

 

S ann. Bha mi dreis air troop ship a ruith a Khorea [...] Chaidh mi an uair sin air a Bhen Line...s ann dhan a Far East a bha sin cuideachd. [...]

 

D an t-ite a bfherr a chunnaic sibh riamh?

 

Uill an t-ite a bu shnoige a chunnaic mi riamh s e Vancouver Island. Cha mhr nach do leum mi am bta ann a shin. [...] Bha an t-iasgach ann a shin cuideachd. S e an aon idea a bh aca s a bh aca ann a sheo leis a ringnet. Bha d a dnadh an ln s am breac a sin...bha e ann mar an cabhadh.

 

[...]

 

Co mheud bliadhna a chuir sibh seachad a seladh?

 

O...tr bliadhn deug. Phs mi ann an Glaschu s bha mi an uair sin ag obair eadar irinn agus Glaschu...[...]

 

An uair sin thog sinn bta r...bha Coinneach na sgiobair oirre...a Village Maid. [...] Thog sinn sin ann an Giorbhan agus bha sinn aig a ringnet leatha sin agus aig na scallops. Ach sin an rud a rinn feum do Sgalpaigh...a Highland Development Board. Mura biodh sin chan eil fhios agamsa...rinn e feum dha na h-Eileanan an Iar air fad.

 

Agus an e gun robh iad a toirt taic airgid?

 

O bha. Chan eil fhios am an e mu 10 eathraichean a bh ann a sheo...s ann bhon an Development Board a bha...Gheibheadh tu grant bhon Highland Development Board agus gheibheadh tu loan bhon a Herring Industry Board.

 

Agus leis an d rud bha e comasach dhuibh eathar a cheannach dhuibh fhin?

 

O bha. Rinn e feum ann a sheo. A chuid as motha dha na h-iasgairean ann a sheo s ann san Eilean Sgtheanach a bha d ag iasgach gus an tinig a Highland Development Board.

 

S an uair sin chaidh aca air eathraichean a cheannach?

 

Aidh. Chaidh an togail r air fad.

 

Cuin a cheannaich sibhse an t-eathar?

 

1971.

 

D an t-ainm a bhoirre a-rithist?

 

A Village Maid.

 

D an fhaid a bh innte?

 

Dreach goirid air a sixty.

 

An e ringnet a bh innte?

 

Ringnet...s e. Uill bha i aig an trawl cuideachd s aig a mhidwater. Bha i dual-purpose fhios agad.

 

D a-nis a bha sa mhidwater?

 

Bha thu a trawladh mid-water. Cha robh thu a dol chun a ghrunnd idir. S ann airson an sgadain no an rionnaich...chitheadh tu an spot air an echo sounder agus bheireadh tu an lon a rir sin. Bha thu a toirt dhi a rir s mar a bha an spot fhios agad.

 

Agus an robh an ringet a dol na bu doimhne?

 

O bha thu a toirt leat a ghrunnd. Tha thu dreach a danamh circle s bha an tile a togail a cheann eile s bha an aon lon a dol dhan an aon eathar an uair sin. Bha an d chriutha a tighinn dhan an aon eathar an uair sin.

 

Agus an robh feum agaibh air d eathar airson a mhidwater cuideachd?

 

O bha airson a tbhadh. Bha iad ag obair ann am paidhirichean riamh. Rinn an Development Board feum mhr ann a sheo fis athaobh na sgoile fhin...na thinig dhachaigh ann a sheo chun an iasgaich. Thinig Alasdair fhin dhachaigh s thinig Eghainn dhachaigh...agus uill a chlann a bha sin...s fhada bho bhiodh Sgoil Sgalpaigh dinte mura be gun tinig a chlann sin dhachaigh. [...]

 

Tha fhios gun do chuir sibh uidhreachd air an iasgach mus do dhfhalbh sibh a sheladh agus an uair sin nuair a thill sibh. Robh eadar-dhealachadh mr ann anns na tr-bliadhn deug a bha sin?

 

Uill, bha barrachd cothrom agaibh...an uair sin cha robh ann ach an drioft fhin ach leis na btaichean ud dhfhaodadh tu rud sam bith a chur ann...trawl no scallops no...

 

Bha iad freagarrach airson rud sam bith?

 

Rud sam bith. Bha iasgach math ann aig an m.

 

[...]

 

Nuair a lonadh tu bta ln sgadain bha thu a danamh air Ulapul...bha d even air a wireless a bruidhinn ri chile.

 

Chluinneadh tu na h-eathraichean eile?

 

Bhiodh iad a gabhail rain. Bha siud mar gum biodh banais. [...] Dhfhalbhadh tu aig d reug s bhiodh dithis an-cmhnaidh ann an taigh na cuibhle gum fruigeadh i...bhiodh iad a bruidhinn ri chile s a sprs ri chile s a gabhail rain. Chan fhairicheadh tu an tde a dol seachad. Bha fadachd ort gun tigeadh madainn Diluain gum faigheadh tu mach.

 

D cho fada mach s a bha sibh a dol?

 

O bha a fruigheachd suas gu Kinlochbervie s Ceann Bharraigh...

 

D cho fada deas s a bhiodh sibh a dol?

 

O Ceann Bharraigh agus sos gu Malaig s an taobh sin. Dheidheadh iad far an robh an sgadan...bha iad a leantainn an sgadain. Ach Sgalpaigh an-diugh, chan eil igridh ann. [...]

 

Ciamar a bhiodh sibh a cur seachad an latha air brd an eathair?

 

Uill, bha thu a cadal tron latha agus s ann air an oidhche a bha thu ag obair.

 

S bha sibh a falbh fad na seachdain an robh?

 

Bha e depeandadh c robh thu ag obair. Ma bha thu ag obair shos ann an Uibhist no Barraigh bha thu air falbh fad na seachdain.

 

An robh sibh a falbh trth madainn Diluain?

 

Uill bha e a depeandadh c cluinneadh tu a bha an sgadan. Sos Loch nam Madadh s an taobh sin dhfheumadh tu falbh rudeigin trth. Tha mi a smaoineachadh nuair a dhfhalbh an sgadan, dhfhalbh Sgalpaigh cmhla ris. S chan e a-mhin Uibhist ach irisgeidh cuideachd. Bha an sgadan air an aire aca fad an t-siubhal fhios agad. Bha Ledhas different...S e an trawl a bh aca sin mar bu trice.

 

Cha robh ringnet aca?

 

S dcha gun robh t no dh, ach bha Sgalpaigh s irisgeidh bha d gl coltach ri chile a thaobh iasgaich. Bha Na Hearadh cuideachd...Plocropol s iteachan mar sin.

 

Agus s ann air an oidhche a bha sibh ag iasgach an sgadain?

 

S ann. Chunnaic mi a bhith ga fhaighinn tron latha cuideachd ach mar bu trice s ann a falbh air an oidhche a bha thu. [...]

 

Ciamar a bha thu a faicinn far an robh an sgadan?

 

Chitheadh tu air an sounder e. Uill, an toiseach s e luaidh a bh aca agus ueir agus bha d ga leigeil sos, a slaodadh ris an eathar gus am fairicheadh tu an sgadan a bualadh ann. Dhfhairicheadh tu tap, tap. Bha thu ag igheach ris an sgiobair. Dhfhairicheadh tu air a siud e, bh e cho trom fhios agad. Bha feadhainn ann na bfherr na feadhainn eile air fhaireachdainn ach nam fairicheadh tu siud bha rud math shos.

 

Am faiceadh sibh ma bha faoilleagan timcheall cuideachd?

 

O aidh, agus an slaire. Bha sin na mharc cho math ri cil a bh ann. Tha cuimhn am an seo agus bha bodach shos ri taobh a bhalaich agam ann a sheo agus s ann aig an sgadan a bh e riamh. Thuirt e ri mo mhac aon latha Cuiribh air cl an eilein ann a sheo tha sgadan ann. Chaidh sinn a-mach agus chuir sinn ann agus chan fhaca sinn aon chil fhin. Ach chunnaic sinn aon fhaoilleag ann agus chuir sinn co-dhi agus thug sinn fichead crann s an lirne-mhireach. Fichead crann. Bha fios aigesan gun robh sgadan ann. Feumaidh gun robh e a watchadh nam faoilleagan. [...]

 

S e iasgach math a bha sin...fichead crann.

 

Bha e eagalach inntinneach. Bha s na clams fhin.

 

Bha sibh aig na clams cuideachd?

 

S ann air na clams a bha sinne mu dheireadh...cha do rinn sinn ach an t-eathar a chreic an t-seachdain seo.

 

D an t-ainm a bhoirre sin?

 

A Hopeful.

 

Bha Village Maid agaibh an toiseach agus an uair sin a Hopeful?

 

Bha.

 

D mheudachd a bha sa Hopeful?

 

36...uill overall bha 38 innte. Bha e a crdadh riumsa oir bha thu a tarraing a h-uile uair a thde. Cha robh cus againne riamh mun trawl...mu na prawns...Mar a bha siud bha thu a tarraing a h-uile uair a thde s bha thu a coimhead airson rudeigin a h-uile uair a thde. Chan fhairicheadh tu mionaid e. Aig a phrawn ann a shiud s dcha gum faigheadh tu fichead clach s bha thu ann a shiud a toirt nan cinn s an amhaich aca. Tha e a depeandadh d tha thu air do chleachdadh ris. [...]

 

Ciamar a bha a bhliadhna a dol?

 

Gheibheadh tu sgadan as t-samhradh cuideachd a-muigh air na bancannan...ach s ann as a gheamhradh mar bu trice a bha an sgadan a falbh s na lochan.

 

Cuin a bha an sgadan a toiseachadh matha?

 

Bhiodh iad a tiseachadh air an drift ann a sheo ann am May [...] Tha gnothaichean air atharrachadh an-diugh. [...] An uair ud cha robh ann ach an drift gun do thisich an ringnet agus an uair sin cha robh ann ach am midwater. An uair sin am purse ach cha robh purse ann a sheo riamh. Cha bfheirrde an t-ite ann a sheo riamh e saoilidh mise.

 

Bha siud na bu mhotha buileach na an ringnet?

 

Bha siud mar football pitch.

 

An ann a-muigh domhainn a tha sin ag obair?

 

O s ann. Tha doimhne mhr a sin. S e th aca an-diugh ach tonnies. Chan eil iad a coimhead air crann no basgaidean. Chan ann air daily bread a tha d a coimhead an-diugh ann ach a danamh dfhortan agus get out. Sin an attitude a th aca an-diugh.

 

Tha d airson an t-airgead a dhanamh ann an cabhaig.

 

Ann an cabhaig. Uill, tha trr expense ann an-diugh...ola s a h-uile cil. [...]

Ach an troip ud a fhuair sinne 86 a box air...chaidh mise suas agus bha bodach...seann iasgair bha e cmhla rinn...agus chaidh mise suas agus thug mi dh an envelope. Dhfhalbh e leis an envelope suas dhan a rm. Thuirt mise mu dheireadh Cha chreid mi gu bheil Fionnlagh gu math...chan eil e a tilleadh idir. Chaidh ise suas agus bh e air an t-airgead a chur air uachdar na leapa air fad s thuirt e rithe fhin Chan eil mi smaoineachadh gu bheil an duine ud glic! Fhios agad leis na fhuair e. Agus bh e ag rdh nuair a thinig e nuas gun dfhuair e barrachd anns na cig crainn a bha sin s a bhiodh e faighinn anns na h-eathraichean uaireannan ann am bliadhna. Ann an sasan matha. [...]

 

Cuin a bha sin ann? D a bhliadhna?

 

O crr is fichead bliadhna air ais. Chan eil cuimhn am d an date.

 

Agus sin prs cho math s a fhuair sibh riamh air?

 

O se. O bha prs mhath air fad an t-siubhal. S ann a Sternabhagh a bha sinn ga reic ris na cidsearan. [...] Sgadan...deagh shize...bha druim air. [...] Ach saoilidh mi gur e iasgach a ghiomaich a bfherr a bha a crdadh riumsa air fad. Bha e inntinneach an giomach.

 

An robh cosnadh cho math sa ghiomach s a bha san sgadan?

 

O bha cosnadh math anns a ghiomach. Cha robh an expense ort a th aig an iasgach eile. Seachd raid nuair a bha iad ga stbhadh sa charaidh a bha siud. Bha thu a dblachadh dairgead uaireannan.

 

[...]

 

D na cur-seachdan a bh agaibh air brd? Bha sibh a bruidhinn air rain s rudan dhan t-sersa sin.

 

Uill nan tigeadh droch latha s tu air falbh on taigh s dcha gum biodh tu ann am bgh air choireigin air acaire. Bha thu an uair ud a falbh bho eathar gu eathar. S dcha gum biodh ceithir no cig a dheathraichean ceangailte ri chile s bhiodh iad a falbh bho eathar gu eathar ag innse yarns. [...] O s iomadh sprs a gheibheadh tu.

 

Bha geasachdan, superstitions aca cuideachd uaireigin a thaobh an iasgaich?

 

O bha. Bha uaireigin a seo cha deidheadh tu seachad air cailleach air an rathad idir. Nam faiceadh tu cailleach bha thu a dol pos mr timcheall oirre son nach bruidhneadh i riut.

 

Agus s e droch luck a bha sin?

 

O s e. Agus ministearan. Cha robh iad a creidsinn ann am ministear tighinn a ghaoth eathair ann a sheo idir. Cha robh. Bha seo fhin gu math...Chan eil cil a chuimhn agams air ach chuala mi iad a bruidhinn air. Bha t...tha mi smaoineachadh gur ann san Eilean Sgtheanach a bha i s cha robh i a faighinn sgadan idir agus [...] bha d a lasadh clobhta air bioran s bha d a dol timcheall an eathair air fad a tapadh a bheul aice. Bha rann air choireigin aca a bhiodh iad a rdh. Bhiodh iad a tapadh an eathair right round agus nuair a thilleadh iad air ais a-rithist bhiodh iad ga chath a-mach. Chaidh iad a-mach an oidhche sin agus lon iad an t-eathar le sgadan.

 

Agus an e faighinn cuibhteas spiorad no d?

 

Feumaidh gur e. Bha leithid a rud ann ris an droch shil cuideachd fhios agad.

 

Agus an e cailleachan snraichte no cailleach sam bith a dhfheumadh tu a sheachnadh.

 

Bha feadhainn aca noted!

 

Agus ciamar a bha d a faighinn ainm mar sin? An e gun robh an drna sealladh aca no d?

 

Feumaidh gur e. Sin a tha iad a cumail a-mach co-dhi.

 

An robh dathan ann a bhad airson a sheachnadh cuideachd?

 

O bha. Agus nan ainmicheadh tu breac no fiadh chathadh iad a-mach air a mhuir thu. O chathadh. Na ainmich sin ann an eathar sgadain...fiadh no breac.

 

An robh beathaichean sam bith eile ann?

 

Uill, bha iad siud noted co-dhi.

 

Saoil carson?

 

O chan eil fhios am.

 

Bha Coinneach ag innse dhomh mu na maidseachan cuideachd.

 

Na Swan Vestas? O bha. Chan fhuilingeadh iad sin.

 

Feumaidh nach robh an eala fortanach?

 

O cha robh. An eala gheal. O bha trr dhan a sin a dol.

 

Agus na stocainnean crotail, cha robh iad airson sin?

 

O cha robh no use.

 

Rudan uaine cuideachd?

 

O cha robh iad airson frocannan uaine idir. Tha cuimhn agamsa nuair a thinig mi dhachaigh leis an eathar ud s ann air a peantadh uaine a bha i agus bha Fionnlagh anns a chnoc ann a shiud [...] agus chuala mi e ag igheach O thoir dhith an dath tha sin! Ha ha!

 

Saoil carson uaine?

 

O chan eil fhios am. Rud a ghabhas iad nan ceann.

 

Ach tha fhios gun robh rain s rudan a dol air na h-eathraichean cuideachd.

 

O bha. Tha trr de dhrain a seo nach cuala fhios agad...agus s e call a th ann cuideachd. [...] Chaidh trr a dhrain a dhanamh ann a sheo nach cuala mise guth riamh orra tuilleadh. Bhithinn a cluinntinn mo mhthair...Uill fhuair mise teip...thinig mi dhachaigh ann a sheo air holidays troip agus chaidh mi timcheall nan seann daoine ann a sheo agus fhuair mi teip agus bh e dreach out of this world. Dhfhalbh mi Ghlaschu agus chaidh mi gu banais agus thuirt iad rium an teip a thoirt leam agus thug mi leam an recorder s a h-uile cil riamh. S e Morris Traveller a bh agam [...] Thill mi s cha robh sgeul air an tape recorder. Bhris iad a-staigh ann. Sgrobh mi dhan a Daily Record s nan cuireadh iad thugam an teip gum faodadh iad an tape recorder a chumail ach cha chuala mi guth riamh.

 

Cha chuala. Bha sin tmailteach.

 

O bha d math cuideachd. [...]

 

Am bi sibh fhin a seinn?

 

O gu dearbh chan eil! Chan eil duine againne a sheinneas.

 

Matha tha na Sgalpaich math air seinn.

 

O tha. [...]

 

Cuin a bha an t-iasgach aig irde ann an Sgalpaigh?

 

O siud agad e...anns na seventies. A h-uile h-oidhche bhiodh na h-eathraichean ln.

Ceud crann...d cheud crann...Chan fhaca tu riamh cil cho bragha ri ring mhr sgadain...na silver darlings. Bh e dreach...Chluinneadh tu iad ag igheach san Eilean Sgtheanach tha mi creidsinn nam biodh tu shuas aig a bhanca a deas. O...

 

Tha na lithean sin air falbh.

 

Fhios agad chan eil...ged a bhiodh tu a-muigh a-siud fad an latha cha chluinn thu duine a bruidhinn mun a wireless. Tha d a bruidhinn ri chile air a fn. Tha sin air falbh. Tha mobile phone handy ann an iomadach digh ach ann an dighean eile chan eil.

 

Ach tha a VHF a dol fhathast?

 

O feumaidh e bhith orra. [...]

 

Saoil carson a dhatharraich an t-iasgach matha? D dhadhbhraich sin?

 

Uill, s e cho gann s a dhfhs an sgadan. Chan eil iad a faighinn aon sgadan ann a sheo an-drsta...not one. Tha d a faighinn beagan air taobh siar Ledhais leis na darrows...lonaidh iad basgaid. S chan eil giomach ann ach gl bheag.

 

D as coireach saoil?

 

Sealbh tha brath. Bidh iad a cur a choire air a siud s air a seo.

 

D tha sibh fhin a smaoineachadh?

 

Gun deach cur s dha. Tha sin ann cinnteach. [...]

 

 

 

 

 

 

Tha fhios gun robh buaidh aig a sin aig a choimhearsnachd, nuair a dhatharraich an t-iasgach?

 

O bha. Tha sin cinnteach. Chan fheum thu uiread anns na h-eathraichean an-diugh...dithis is triir. Chan eil daoine ann co-dhi. Bha sinne mu dheireadh ann a sheo, chan fhaigheadh tu duine a dheidheadh a-mach nad ite. Bha thu dreach ceangailte suas. [...]

 

Saoilidh mi gun robh gleidheadh air na h-iasgairean a bha timcheall ann a sheo...gu h-raid an fheadhainn a bha ag obair air an ringnet. Mar a bha na Amhaich s na h-irisgich...nam faiceadh tu fhin na crnairean dham biodh iad a dol leis na h-eathraichean. Cha robh rdar s cha robh artaigil aca. A falbh ann a shiud am measg nan creagan. [...]

 

An deach feadhainn anns an rathad riamh ann a sheo leis an iasgach?

 

Cha deach aig an iasgach. [...] Bha d elach agus dhfheumadh iad sin.

 

Dhfheumadh iad a bhith elach air na sgeirean s mar sin?

 

Dhfheumadh. Agus bha silean aca. Mar a tha an-diugh tha na h-eathraichean ln de sholais is mar sin agus tha taigh na cuibhle fhin ln computers is solais...ach an uair ud bha dreach...dhfheumadh na solais a bha sna h-eathraichean fhin a bhith dim s chitheadh tu na bfherr. Ach bha fradharc aca. [...]

 

Ciamar a bha sibh ag ionnsachadh mu na sgeirean?

 

O local knowledge. Chan eil cil ann coltach ris.

 

Nas fherr na rdar sam bith.

 

Chan e nach eil rudan aca an-diugh...thid iad a dhite sam bith. Even na creagan beaga a thanns a chladach, th e agad mu do choinneamh. Ach s e a ghnothaich nam briseadh sin sos c biodh tu. [...] Uaireigin bha do chrs agad bho sholas gu solas. Tha mi creidsinn an-diugh nam falbhadh na rudan a th aca ann an taigh na cuibhle nach eil cuimhn aig duine air na crsaichean a bh aca.

 

[...]

 

Bha d cuideachd a gabhail an leabhair air brd nach robh?

 

O bha...a h-uile h-oidhche. Gu math tric cuideachd nam biodh a dh no tr dha na h-eathraichean cmhla ri chile bhiodh iad a dol dhan aon eathar feadhainn aca...s a seinn. Chluinneadh tu na h-eathraichean a seinn.

 

Bhiodh sin bragha a chluinntinn.

 

O bha. Bha e bragha buileach ann an crnair beag a-staigh.

 

Saoil ciamar a bhios an t-iasgach ann an Sgalpaigh bho seo a-mach bheil sibh a smaoineachadh?

 

Uill, ma leanas an t-iasgach ann an Sgalpaigh mar a tha e cha bhi duine ann a thid a-mach le eathar ann. An fheadhainn ga a tha ag irigh suas chan eil interest aca ann.

Chan iomair iad an-diugh a bhrinein. Feumaidh an outboard a bhith aca ged nach deidheadh iad ach tr faid an eathair.

 

Bha punt beag aig mathair fon taigh ann a sheo agus sin am play-pen a bh agamsa! Bha sinn a cur seachad ar saoghal innte. Cha robh uallach sam bith orra gun tachradh cil. Bhiomaide a falbh leis a ghela s a dol a-mach faisg air an taigh sholais...dithis, triir s ceathrar againn s cha robh sinn cil ach air a dhol dhan an sgoil. [...]

 

Co mheud eathar a tha ag iasgach a-mach Sgalpaigh an-diugh?

 

Uill, tha seachd no ochd de dheathraichean beaga ann. Sin an aon t a th air fhgail dhan a chlas sin...am Majestic [at jetty below house]. Sin an aon t a th air fhgail ann an Sgalpaigh bhon a dhfhalbh an t againn fhin. Ach chan eil cil a dhfhios d dhfhaodadh tighinn fhathast. Cha dan math dhuinn coimhead air an taobh dhorcha fad an t-siubhail.

 

Uill, tha sin ann cuideachd. Ach tha cisean ag atharrachadh.

 

O tha. Far nach bi an igridh tha e going down co-dhi.

 

Bha sibh a bruidhinn air na sgeirean. D na sgeirean a tha timcheall ann a sheo? D na h-ainmeannan a th orra?

 

S e Sgeir a Chatha a th againn air a sin thall...Sgeirean Raitheam...tha sin a-mach nuair a tha thu a falbh s an acarsaid ann a sheo...sgeir MhicCuinn...tha d air an ainmeachadh fhios agad....sgeir a Bhrghaidh Mhir...Bogha na Caillich s Bogha Bocaig s Bogha Lag na ??, Bogha Catrona s Bogha ?? Caolais...tha na marcan agamsa air a sin air fad...a h-uile gin dha na marcan. Far am biomaid ag iasgach airson nan liughannan...s ann ag obair air marcan tre a bha thu an uair sin fad an t-siubhail.

 

An robh sin a ciallachadh gun robh sibh a gabhail beachd air tr?

 

Sin mar a bha thu a lorg nam boghannan fhios agad a-muigh...pos far a chladaich.

 

D th anns na boghannan?

 

Sgeirean fon a mhuir. [...]

 

Bha ainm air na boghannan agus na sgeirean?

 

A h-uile gin aca bha ainm orra.

 

Bha sibh a cluinntinn sin bho na ginealaichean a bh ann roimhe?

 

Bhiomaide a falbh ann a sheo...cha mhr nach biodh i a fs dorcha s bha sinn ag obair ann a sheo agus...bha marcan againn air solas Sgalpaigh...s dcha gum biodh i dubh dorcha agus s ann an uair sin a bfherr a bhiodh iad a faighinn...nuair a bhiodh iad a lasadh solas Sgalpaigh. S dcha gum biodh e d reug mun tigeamaid dhachaigh.

 

Bha fios agaibh far an robh a h-uile bogha s a h-uile sgeir?

 

Cha robh sounder no cil agad ach dhfhairicheadh tu an darrow a dol an ss.

 

Bha d uaireigin a coimhead air na rionnagan s a ghealach s na rudan sin cuideachd nach robh?

 

Bhiodh. Bhiodh iad a coimhead air a ghealaich.

 

Ach tha mi creidsinn gur ann na bfhaide a-muigh, a seladh. Chan fheumadh iad a bhith a coimhead air na rudan sin ris a chladach?

 

Chan fheumadh, ris a chladach.

 

Th e iongantach far an deach an cudaige fhin s an smalag ...dhfalbh an t-iasg air fad an-seo. Chan eil cil ann.

 

Tha d ag rdh cuideachd gu bheil a mhuir a fs nas blithe?

 

Tha d a rdh sin, gu bheil e nas blithe am-bliadhna na bha e o chionn fhada. Chan fheirrde gnothaichean sin cuideachd.

 

[...]

 

D na h-eathraichean a bhann an Sgalpaigh matha ri ur cuimhne?

 

White Rose, Golden Rule, am Britannia, an Agate, Try Again, Choice, Golden Eagle, Venture, Bright Reward, Jasper, Virgin , Industry...an t-uamhas. Airson na bh ann de dheathraichean beaga...

 

An robh ainmeannan Gidhlig air mran dhiubh?

 

Feadhainn aca [...] ach an-cmhnaidh s e ainm boireannaich a bh aca...ach bha d a leantainn an aon ainm fad an t-siubhail fhios agad? Bha gu ler nach robh a creidsinn a bhith a sioftadh ainm eathair idir...gun robh bad luck ann a bhith a sioftadh ainm eathair...Nam faigheadh tu eathar dhachaigh, gun cumadh tu e fhios agad. [...]

 

Bheil a chuid as motha a danamh sin fhathast?

 

Och chan eil iad a coimhead air rud sam bith an-diugh!

 

C deach an t-eathar a reic sibh?

 

Tha i siud ann am Malaig fhathast. Tha i an aon rud s an latha a chaidh a togail.

Bha seachd ctaichean varnish a dol air an eathar ud nuair a fhuair sinne i a-h-uile bliadhna.

 

Airson a danamh donach?

 

Uill, airson a cumail ...Cha chuireadh tu aon chta an-diugh orra leis an t-sde a th ann.

 

Bha trr obair ann a shin?

 

Bha thu a cur a chiad chta [...] Bha thu an toiseach ga shandadh sos agus a cur turps ann, ga dhanamh tana, tana, agus bha sibh ag addaigeadh ris gus an deidheadh an d chta mu dheireadh oirre gun cil ach varnish fhin. Bha thu a sandadh sos a h-uile cta gus an tigeadh tu gu na dh mu dheireadh. Bha sin am broinn aice s a h-uile h-ite a bh ann. [...]

 

Tha d bragha leis a varnish.

 

O bha eathraichean an seo an uair ud...chan fhaiceadh tu an leithid am bad sam bith.

 

D an ine a bhiodh i air tr a danamh sin?

 

O bhiodh dreis mhath. [...] Seachdainean...bhiodh suas ri mos tha mi creidsinn.

 

D an t-m dhan bhliadhna?

 

O as t-samhradh. Bha samhraidhean ann an uair sin. Gheibheadh tu teas agus dhfheumadh tu sin.

 

C biodh sibh a danamh sin?

 

A-staigh aig na cidheachan seo fhin. Ach s e sin fhin a fhuair na cidheachan a dhanamh ann a shin. Tha d handy airson nan eathraichean. Bha cidhe eile fon taigh-sgoile agus s ann ann a shin a bha d a toirt nan eathraichean mra.

 

D am fiodh a bhannta?

 

S e larag is darach as motha a bha san fheadhainn ud. Bha na h-eathraichean ud aca air an cumail mar yachtaichean. Bha d furasta an cumail.

 

[...]

 

An do ghabh sibh fhin eagal riamh ag muir?

 

Cha chanainn eagal idir. Cha danadh e feum dhut eagal a ghabhail.

 

Cha danadh! An tinig droch ghile ort riamh?

 

O s iomadh gile sin. Tha thu air do thogail ris an seo, cha shaoil thu cil dheth [...]

 

Ann an gile an e dreach an t-acaire a chur sos?

 

Uill, dhfheumadh tu ite fhaighinn anns an cuireadh tu sos an t-acaire an toiseach, far am faigheadh tu fasgadh air choireigin. S iomadh droch oidhche a chaidh sinne seachad ann a sheo le eathar ln sgadain a dhUlapul. Bha mise air aon t...an Joanne...s e sia irlich a bha os cionn na mara dhi nuair a bha i ln sgadan. [...] Cha shaoileadh tu cil dheth. Ach s e eathraichean matha a bh annta...eathraichean tapaidh.

 

An deacha sibh riamh air sgeir?

 

O s iomadh sgeir sin air an robh sinn! Ha ha! O bha d uaireigin ann a sheo aig an ringnet, bhiodh iad a dol air sgeirean s cha bhiodh iad a smaoineachadh cil dheth.

 

Ach tha e iongantach nach deach daoine anns an rathad leis na bh ann [de dhiasgach].

 

Tha. Uill, chaidh balach anns an rathad ann a sheo ach s e bualadh a rinn iad anns a gheola.

 

Och s e. Bha sin duilich.

 

Bha e duilich. Nise, chaidh feadhainn anns an rathad cuideachd, bha d cirdeach dhuinne, ach s fhada s fhada bhon uair sin. Chaidh brithrean anns an rathad. Saoilidh mi gur ann robh fhaisg air a bhogha a chaidh iad. Dhfheumadh iad an uair sin a bhith a baiteadh...chaidh e ro fhaisg air an sgeir leatha s chaidh i thairis. Chaidh iad sin anns an rathad ach s fhada s fhada bhon uair sin.

 

Chaidh laoidh a dhanamh nach deacha?

 

Chaidh. Chuala mi aig dathair i ga gabhail.

 

Bha siud inntineach dha-rreabh. Dhfhaodamaid a bhith a bruidhinn fad na h-oidhche mun iasgach. Tha e math na naidheachdan sin fhaighinn s an gleidheadh.

 

Nach eil. Seall a-nise am pond a tha shos ann a shiud...s e iad fhin a rinn i.

 

C bha sin?

 

Na balaich ud a bha mi ag innse dhut...s e iad fhin a rinn air fad i agus bha engineeradh air a sin a bha dreach...bha am muir a dol timcheall air an eilean agus dhfheumadh iad an t-uisge a chumail...agus dhfheumadh iad obrachadh a-mach...nuair a dhfhalbhadh amhuir far na caradh...dhfheumadh iad obrachadh a-mach d na dhfheumadh iad de dhuisge fhgail innte. O dhobraich iad a-mach e agus s e gl bheag de ghiomaich a bha a bsachadh. Bha an t-uisge a circleadh fad an t-siubhail.

 

An e seo rd na Cille?

 

Aidh. [...] Sin a-nis am pond ann a shin [shows photo]. Tha e eadar d eilean. Tha an t-uisge a tighinn innte agus a falbh aiste. Dhfheumadh so much uisge a bhith innte...nam biodh d cheud dusan agad innte dhfheumadh iad so much de dhocsaidean fhaighinn fhios agad. Bh e air obrachadh a-mach aca dreach.

 

Agus bha an ln a tighinn a-steach?

 

Bha. Bha i air a togail ...tha mi smaoineachadh gun robh deich troighean de leud sa bhottom aice le clachan agus chaidh sin a thogail an ird gum biodh e ceithir troighean os cionn an lin a bu mhotha a bhinnte fhios agad. Bha an ln ga coveraigeadh s bha lon oirre.

 

Bha lon oirre son nach falbhadh na giomaich?

 

O aidh. Nam biodh toll beag ann a shin lorgadh iad e ann an no time.

 

D an stuth a th anns an lon?

 

Galvanised...dreach an rud a th air feansaichean ach dhfheumadh e bhith galvanised. Ach s e an rud...nuair a bha thu gan togail, dhfheumadh tu an tide a watcheadh. Dhfheumadh tu dhol sos s breith orra airson an togail s...

 

S ann dreach nuair a bha an ln a dol a-mach?

 

O dhfheumadh an tide a bhith a-mach cho fad s a dheidheadh i. Bhiodh iad gan togail s dcha seachdain ron m s gan cur ann am bogsaichean a-muighs bhiodh iad an uair sin deiseil aca...gan cur air falbh.

 

D cho domhain s a bhiodh am pond fhin?

 

Bhiodh seachd no ochd a throighean a dhirde innte na broinn.

 

Ciamar a bha sibh a glacadh nan giomach?

 

Dreach a breith air chl amhach orra. Dhfheumadh tu watcheadh cuideach nach breitheadh iad ort!

 

Tha fhios gun robh e doirbh matha, ma bha e cho domhain sin, greim fhaighinn orra.

 

O bha thu a dol fodha. Nam faiceadh tu fear bha thu a danamh dive air. Nam biodh na wetsuits air a bhith ann an uair ud bha d air a bhith alright ach cha robh sin ann an uair sin.

 

Tha fhios gun robh sin fuar?

 

As a gheamhradh bha crith air do chridhe!

 

Agus dreach le oillsglin?

 

Oillsglin s e.

 

Bheireadh sibh dreis cuideachd a breith orra mar sin?

 

O bheireadh tu dreiseag. S dcha gum biodh dithis shos.

 

D an uair sin? An robh containers agaibh?

 

O basgaid s bha thu an uair sin gan cur ann am bogsa s gam fgail a-muigh air acaire ann a shin.

 

S mhaireadh iad be dreis?

 

O mhaireadh. Tha d a bruidhinn air a bhith a harvestadh trosg. Tha cuimhn agamsa ...troip a bhith innte agus chuala mi splash garbh air mo chlaibh. Ghabh mi eagal...bha dil agam gun do thuit cuideigin a-mach...bha mi dreach puzzled d bh ann. Dreiseag as didh sin a-rithist thachair an aon rud s thuirt mi rium fhin Tha rudeigin a seo. S thisich mi a coimhead s bha trosg innte s e an uiread sin air fs. Bh e feedadh air an rud a bha sinne a feedadh nan giomach air...s e cudaigean a bh ann. [...] Feumaidh gun robh an trosg a dol innte na rud beag agus a fs.

 

S e cudaigean a bha sibh a cur a-steach thuca?

 

Cudaige, aidh. Bhiomaid a dol sos le tmh agus a lonadh a phoca s bha thu an uair sin gan cur air feadh na caradh air fad.

 

Bha d marbh?

 

O bha. Spot a chuireadh tu a chiad fhear air uachdar na mara chitheadh tu na spgan aca a tiseachadh. Dhfhanadh tu fad an latha gan coimhead.

 

D cho tric s a dhfheumadh sibh poca a chur a-steach thuca?

 

O co-dhi d uair san t-seachdain. A dependadh d bh agad innte.

 

Bha sinn a cur sos clibh uaireannan son sbhaladh a bhith a breith orra. [...]

Chunna mi anns na h-Eileanan sia-deug a ghiomaich anns an aona chliabh. Aidh, bha clibh mhr fhada ann...tha mi creidsinn gun robh sia troighean a dhfhaid annta agus bha d a cur mar gum biodh cidsin annta. Bha d osan a dol dhan chliabh fhin agus bha osan eile a dol a-staigh dhan a chidsin agus sin far an robh an giomach a dol. Bha e a lorg ite airson a dhol a-mach...s ann a bha e a dol dhan a chidsin...s cha robh osan a-mach s a chidsin ann. Ach chan eil fhios am an e rud math a bh ann. Tha gu ler ag rdh nach bfheirrde an giomach idir e...mar a bh e aon uair thogadh tu an cliabh agus s dcha gun cuireadh tu an lirne mhireach e agus gum biodh giomach ann agus bhiodh tu toilichte gu ler agus dhfhalbhadh tu s chuireadh tu a bhadeigin eile e. S dcha gum fgadh tu a dh no tr as do dheidh. Ach nan cuireadh tu am parlour s dcha gum biodh e ann weekend no lithean s dcha gum faigheadh tu cig no sia a ghiomaich ann. Bha thu a glanadh a chrn anns an robh iad agus bha d a cumail a-mach nach tigeadh an giomach air ais ann cho luath.

 

[...]

 

A bheil an crr lraich no cil ann a ch na h-archaeologists ach na caraidhean?

 

Chan eil. Ach na cidheachan.

 

Cuin a chaidh seo a thogail shos ann a sheo, bheil beachd agaibh?

 

Bidh suas ri fichead bliadhna tha mi creidsinn.

 

D chanas sibh ris a seo?

 

O dreach jetty. Tha i seo handy. Fhios agad gheibh thu ann a shin le ln conntraigh. S e an aon ite ann an Sgalpaigh s am faigh thu ann le conntraigh. Tha i sin nas doimhne. Tha an t tha thall nas taine na an t sin. Ach s e ite feumail tha sin. Nam biodh cil a dol a thachairt do dheathar gheibheadh tu ann fhios agad.

 

D chanas iad ris an ite?

 

Sin an acarsaid a deas. Raochalan a th aca air an eilean sin. Sin an Cnoc Dubh mu do choinneamh ann a shin. Agus seo am baile. Tha an acarsaid a tuath air an taobh ud thall.

 

Bha d a cleachdadh siud na bu trice an robh?

 

O siud agad...chaidh jetties a thogail ann a shiud airson nan eathraichean.

 

D an fheadhainn as sine dha na cidheachan?

 

O s e...bha ite air an taobh thall far a bheil na h-eathraichean s e Rbh nam Btaichean a bh ac air...s e curing station a bha sin uaireigin airson an sgadain. Nise...an sead a tha mu do choinneamh thall ann a shin s e Labag an Eathair a bh ac air a sin. Bha d a ciradh ann uaireigin.

 

An e siud an sead ud thall leis a mhullach mheirigeach?

 

S e. Labag an Eathair a bh ac air.

 

Tha sin aois mhr a bheil?

 

O tha sin...tha cuimhn agamsa na h-eathraichean a bhith a landadh ann...nuair a bha d aig an drioft ach s e for, for chuimhne a th agam air.

 

Cuin a bhiodh sin ann? Na forties no mar sin?

 

O dreach. As didh a chogaidh. Tha cuimhn agam na drioftairean a bhith a tighinn chun a chidhe a tha a-muigh. Cha mhr nach coisicheadh tu a-null gu beul na h-acarsaid leis na bh ann de dhrioftairean. O bha Sgalpaigh trang an uair sin. Choisicheadh tu s a siud cha mhr gu far a bheil jetty nan iasgairean air eathraichean...leis cho pailt s a bha d.

 

Tha mi creidsinn. Dreach taobh ri taobh.

 

Aidh. S ann a tha Sgalpaigh air a dhol air ais an ite tighinn air adhart. Bha d an uair ud a ciradh agus a kippereadh s bhiodh na kippers a falbh air feadh an t-saoghail. Seall fhin na bh ann de bhithtean ann a sheo uaireigin...bha aon sia no seachd ann. Chan eil ann an-diugh ach aonan s chan fhada a bhios an t sin fhin ann.

 

Tha cisean air atharrachadh gun teagamh.

 

O tha cisean air atharrachadh. Ach siud agad e. Chan eil daoine ga a psadh san ite.

 

Uill tapadh leibh gu dearbha airson siud...bha siud inntinneach dha-rreabh.

 

Na cuir sin air a wireless co-dhi no teichidh mise!

 

Tha e sgoinneil. Dhfhaodadh e a dhol air a wireless!

 

 

DISK ENDS